Calum Camshron

Rugadh Calum Camshron, Calum Dhòmhnaill 'ic Raghnaill Bhàin, ann an 1898. Ghluais an teaghlach gu ruige Grèinetobht nuair a chaidh taca Sholais a bhristeadh na bhailtean ann an 1899 agus rinn iad an dachaigh aig àireamh 6.

Thàinig Calum sàbhailte tron chiad chogadh agus phòs e Peigi NicDhòmhnaill, Peigi Lachlainn Thàilleir à Malacleit. Ann an 1953 ghabh iad Dòmhnall Camshron air uchd-mhacachd agus thog iad e.

A' cuimhneachadh air, thuirt Dòmhnall:

"'S e duine bàidheil, socair a bha an Calum Dhòmhnaill 'ic Raghnaill is bha e na athair gràdhach. Nam inbheach, chuir mise eòlas pearsanta air na h-uibhir de Ghillean Uibhist, a thill slàn. Thuig mi glè fhurasta carson a sgrìobh e na briathran làidir a chuir e dhan òran."

B' e duine mòr eireachdail a bh' ann an Calum. B' e croitear a bh' ann. Bha guth seinn math aige agus bhiodh e a' cur a-mach na loidhne anns an Eaglais Shaor Chlèireach an Uibhist a Tuath. B' e Gillean Uibhist an aon òran a rinn e cho fad 's a tha fios aig a theaghlach.

Chaochail Peigi ann an 1965 agus Calum ann an 1969.

B' e Gillean Uibhist a tha air an ainmeachadh anns an t-òran gillean à Uibhist a Tuath a bha air an toirt nam prìosanaich le na Gearmailtich nuair a chaidh an 51st Highland Division a ghlacadh aig St Valery en Caux anns an Fhraing anns an Ògmhios 1940.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.