Calum is Ruaraidh Dòmhnallach

Calum is Ruaraidh Dòmhnallach

Tha an dithis bhràithrean Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach air a bhith a' sgrìobhadh òrain ann an Gàidhlig agus ann am Beurla bho chionn còrr math is 30 bliadhna. Chan eil duine nach eil eòlach air Runrig, an còmhlan aca, agus òrain leithid An Ubhal as Àirde, Cearcall a' Chuain, Tìr an Airm, 'The Old Boys', 'Dance Called America' agus na ficheadan eile.

Thogadh Ruaraidh agus Calum ann an Uibhist a Tuath an toiseach ach ghluais iad dhan Eilean Sgitheanach an uair sin. Thòisich iad Runrig ann an 1973 agus chan eil teagamh nach d' rinn iad barrachd thairis nam bliadhnaichean bhon uair sin na rinn còmhlan sam bith eile airson ceòl Gàidhlig a thoirt gu aire luchd-èisteachd eadar-nàiseanta, rud a tha iad a' dèanamh fhathast.

An-diugh tha òrain a sgrìobh iad air an seinn le iomadh seinneadair eile, agus le iomadh còmhlan agus còisir.

Chaidh an t-òran Ruaraidh Iain Thàilleir a chluinntinn an toiseach ann an 1981, nuair a bha Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC a' cumail farpais airson òran ùr a thaghadh a rachadh air adhart chun an Fhèis Phan Cheilteach a bha ga cumail gach bliadhna ann an Èirinn.

B' e Ruaraidh Iain Thàilleir seanair Chaluim agus Ruaraidh. Chaidh a dhroch leòn le shrapnel anns a' chiad chogadh agus chunnaic e a bhràthair fhèin ga mharbhadh, 's iad a' sabaid taobh ri taobh anns an aon bhlàr.

Chaidh a thoirt a chreidsinn air gu leòr dhen ghinealach sin gu robh iad a' sabaid ann an cogadh a bha a' dol a chuir crìoch air cogadh, ach cha b' fhada gus an robh e follaiseach nach robh an sin ach a' bhreug.

Anns an dealbh chithear Calum Dòmnallach.

Calum Dòmhnallach

Rugadh Calum Dòmhnallach ann a' Loch na Madadh, Uibhist a Tuath, ann an 1953. Chaidh e dhan bhun-sgoil ann a' Loch na Madadh agus ann am Port Rìgh agus dhan Àrd-sgoil ann am Port Rìgh.

Dh'fhàg e an t-Eilean Sgitheanach ann an 1971 airson a dhol a dh'ionnsachadh teagasg P.E. ann an Colaiste Chnoc Iòrdain an Glaschu.

Thug e an uair sin trì bliadhna a' teagasg làn-ùine ann an Àrd-sgoil Lasswade, an Lodainn Mheadhanach, agus iomadh bliadhna a' teagasg pàirt-ùine an Siorrachd Lodainn fhad 's a bha iad a' feuchainn ri Runrig a chur air stèidh sheasmhach.

Ged a thòisich Calum, a bhràthair Ruaraidh agus Blair Dùghlas Runrig ann an Glaschu ann an 1973, cha b' urrainn dhaibh a bhith an sàs sa chòmhlan làn-ùine gu 1983.

Ged a bhios Calum a' cluich nan drumaichean agus innealan eile ann an Runrig 's ann ann an sgrìobhadh òrain is motha a tha ùidh aige.

Tha e pòsta le triùir chloinne agus tha a dhachaigh ann an Siorrachd Rois. 'S e a theaghlach, a' Ghàidhlig agus spòrs na cur-seachadan is cudthromaiche dha.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.