Calum A. MacLeòid

'S ann san Iuchar 1970 a chaidh an t-òran Tuireadh nan Hiortach a chlàradh air a' Chladach a Tuath air Eilean Cheap Breatainn.

Bha Calum A. MacLeòid à Sgeir Dhubh, baile beag ri oir na mara an Siorrachd Victoria, beagan is fichead mìle an ear thuath air St Anns.

Thàinig cuideachd Chaluim air taobh athair às na Hearadh agus air taobh a mhàthair às Caolas Scalpaigh. Rugadh e air 29 Sultain 1898 agus bha e 71 nuair a chaidh an t-òran a chlàradh.

Aig amannan eadar-dhealaichte bha e ag obair a' glacadh bheathaichean airson am bian; bha e ri iasgach ghiomach agus ri obair fearainn. Bha e na èildear san Eaglais agus tric 's e a bhiodh an ceann an t-seinn a' cur a-mach na loidhne nuair a bhite a' seinn nan salm.

Bha e fad iomadh bliadhna na bhall den chòmhlan sheinneadairean ainmeil, na North Shore Singers. Tha sgeulachd air innse mu chuairt a ghabh e fhèin is Dànaidh K. MacLeòid agus dithis eile, Tommy Peggy agus Dan Moireasdan, a sheinn ann an theatre ainmeil ann a' Harvard ann an 1955.

Às dèidh làimh tha e coltach gun d' thuirt Dan, "We could get Hollywood interested in our singing next!" Ach 's e am freagairt a fhuair e bho Chaluim, "You better get your hay in first!"

Sheinn iad cuideachd aig an fhèis ainmeil ann an Newport ann an 1965, an aon latha agus a nochd Bob Dylan airson a' chiad turas riamh le còmhlan a bha cluich innealan-ciùil dealain.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.