Cairistìona NicDhòmhnaill

B' ann ann an sgìre Nis, Leòdhas, a rugadh Cairistìona NicDhòmhnaill, faisg air baile Lìonail. Bha an teaghlach a' fuireach eadar Rathad Chros Sgiogarstaigh agus am Port. B' e Oighrig Thormoid Ghilis am màthair, agus b' e Dòmhnall ainm a h-athair, ged a bha an far-ainm "Drogaidh" air cuideachd. Mar sin, b' e Cairistìona Drogaidh a chante rithe nuair a bha i a' fàs suas san sgìre. Bha aon phiuthar aice, Ceiteag, agus ceathrar bhràithrean, Calum, Iain, Dolaidh, agus Aonghas. Muinntir Drogaidh. Bhàsaich an athair 's gun an teaghlach ach òg.

Chaidh Cairistìona do Sgoil Lìonail gus an robh i mu chòig-deug agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail far an d' thug i trì bliadhna. Bha ùidh aice ann an Gàidhlig agus dh'ionnsaich i a leughadh agus a sgrìobhadh anns an sgoil. Bhiodh i a' cuideachadh le sgrìobhadh dealbhan-chluiche, neo sgeidseachan a bhiodh tric èibhinn, airson consairtean ann an Talla Nis.

Dh'fhàg Cairistìona Leòdhas nuair a bha i mu fhichead bliadhna a dh'aois. Chaidh i a dh'obair do Dhiùc Mhontròis anns an dachaigh aige ann an Druiminn, a' coimhead às dèidh an dithis chloinne, Fiona agus Seumas, agus ag ionnsachadh Gàidhlig dhaibh. Mar a mhìnich i fhèin air BBC Radio nan Gàidheal air 30/06/1978:

"Bha ùidh aig am pàrantan ann an Gàidhlig agus tha mi creidsinn gun do chuidich iad mise airson an tuilleadh ùidh a ghabhail anns a' Ghàidhlig mi fhìn."

Thug i suas ri trì bliadhna còmhla riutha agus tro mhìosan an t-samhraidh gach bliadhna bhiodh i a' dol còmhla ris an teaghlach chun an dachaigh eile a bh' aca, Caisteal Bhreadhaig air Eilean Arainn.

B' ann ann an seòmar beag gu h-àrd anns a' chaisteal sin a sgrìobh i a' bhàrdachd, Tha Ciaradh air an Fheasgar. Chan eil rian nach robh i ag ionndrainn an t-sàmhraidh ann an Nis nuair a sgrìobh i, "B' annsa leam-sa àirigh mòintich na bhith 'n lùchairt an rìgh".

Nuair a thòisich an Cogadh chaidh i dhachaigh a Nis agus bha i a' cuideachadh a bràthair. Bha esan ri buidsearachd agus bha bhan agus làraidh aige, 's thòisich Cairistìona a' dràibheadh, rud a bha glè annasach do nighean a bhith a' dèanamh aig an àm sin. Thug i dà bhliadhna a' falbh leis an fheòil, 's an uair sin le bhana bìdh, timcheall na sgìre.

An dèidh sin chaidh i dhan a' Women's Royal Naval Service, na Wrens mar a chante riutha, agus 's ann dhan roinn a bha a' dèiligeadh ri còmhdhail a chaidh i. Fhuair i trèanadh ann an dràibheadh làraidhean agus motair-baidhsagalan ann an Lunnainn agus chaidh i a Liverpool far an robh i a' dràibheadh làraidh mhòr airson seachd mìosan. Thàinig i an uair sin a Ghlaschu far am b' e pàirt dhen obair aice a bhith a' dol sìos a Shasainn a dh'iarraidh làraidhean ùra.

Aon oidhche dhorcha ann an ceann a tuath Shasainn bha Cairistìona le motair-baidhsagal agus i a' fàs sgìth agus cadalach. Thòisich i ri seinn agus ri èigheachd ann an Gàidhlig airson i fhèin a chumail na dùisg. A' coimhead air ais, bhiodh i a' gàireachdainn mu dheidhinn, oir bhiodh fuaimean na Gàidhlig dìreach mar fuaimean Gearmailtis dha cluasan Sasannach.

Thug i greiseagan cuideachd ann an Steòrnabhagh, anns an Allt Bheatha agus ann an Ceann Loch Chille Chiarain mus do chrìochnaich an Cogadh.

An dèidh ùine a chuir seachad ann an Nis, dh'fhalbh Cairistìona a-rithist agus fhuair i obair ann an Taigh-òsta Obair Neithich far an robh i a' dràibheadh agus "a' dèanamh a h-uile sgudailaireachd a bh' ann."

A dh'aindeoin 's nach robh i air a bhith ann an colaiste agus nach robh teisteanas teagaisg aice, chaidh obair a thairgse dhi ann an Sgoil Sgiogarstaidh ann an Nis. Mar a dh'innis i fhèin:

"Bha sgoil ud air dùnadh, agus bha i iomallach, fad air falbh bhon chòrr dhen sgìre agus cha robh e furasta dhaibh tidsear fhaighinn ann. Siud a' sgoil anns an robh màthair Kitty NicLeòid; thug i fichead bliadhna innte. Agus thug mise ochd bliadhna deug innte."

Bha Cairistìona ann a' Sgoil Sgiogarstaidh gus na dhùin i ann an 1965. B' ann innte a thòisich i dha-rìribh ri bàrdachd. Mar a mhìnich i fhèin:

"'S ann a thòisich mi nuair a bhithinn a' cur a' chlann a bh' agam as a' sgoil chun a' Mhòd Ionadail ann an Steòrnabhagh. Agus an co-fharpais aithris a bh' ann, an àite an cuir a-null le bàrdachd a bha gu math na b' fheàrr na dhèanainn-sa, bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin no na bàird ainmeil a bha sin, 's ann a smaoinich mi 'Cuiridh mi null iad le rud ùr.' Agus sin mar a thòisich am bodach-starrag."

Seall shuas air an achadh an taic ris a' ghàrradh
Am bodach le car ann a' crathadh a làmhan;
Fo dhriùchd na maidne, fo dhealt na h-oidhche,
Fo dhian-theas na grèine 's fo shèideadh na gaoithe.

Chì sinn e as t-earrach 's a-mach tron t-samhradh
Mar feòrag nam meangan 'n dèidh cadal a' gheamhraidh;
Na sheasamh cho binneach gun sgir air a chnàmhan
An ceann a chuid dhleastanas a sheachdain 's a Shàbaid.

Agus cha b' e 'Am Bodach-starrag' a-mhàin ach bàrdachd mu chuspairean leithid 'An Cat agus an Luchag', 'Taigh mo Sheanair' agus 'Còmhradh Eadar Fàd Bàn agus Cnap Guail'. Thòisich i cuideachd ag eadar-teangachadh rannan chloinne bho Bheurla gu Gàidhlig.

Rè nam bliadhnaichean bhiodh Cairistìona cuideachd a' sgrìobhadh dhan ràitheachan Gàidhlig Gairm, agus ag ullachadh an tòimhseachain-tarsainn.

Ach a dh'aindeoin 's gun robh i a' sgrìobhadh, cha robh guth aice air fuinn a chuir riutha ged a bha adhbhar eile aice airson an sgrìobhadh:

"Thug 'Am Bodach-starrag' agus 'An Cat agus an Luchag', thug iad air feadh nan dràthraichean agam fad deugachadh mòr bhliadhnaichean, gun ghuth agam orra. Sgrìobh mi iad, 's ghabh a' chlann iad, agus bha 'd a' faighinn duaisean leotha cuideachd, 's bha mi gan cuir seachad 's cha robh guth tuilleadh agam orra.

Nise, bha rud eile agam as an amharc nuair a bha mi gan dèanamh. Bha mi feuchainn ri seann chleachdaidhean a chumail beò. Uill, cha b' e na cleachdaidhean a chumail beò idir ach na facail a bha timcheall air na seann chleachdaidhean.

'S ann airson sin a sgrìobh mi iad, 's bha mi feuchainn ri na facail a bha dol à bith dìreach an cumail a' dol."

Na bheachdaich sibh riamh, an iongnadh leibh e
Cho tur eadar-dhealaicht' 's tha an-diugh ris an-dè
Ar dachaidh, ar cleachdaidh, ar fasain, ar gnè,
Iad uile gu lèir is caochladh orr'.

Taigh de bhall' ùrach is tughadh gu h-àrd
Ìomhaigh gach dachaidh a gheibht anns an àit';
Uinneag sa bhalla le lios air a bàrr
'S fiodh cladaich 's a chòmhladh 's na taobhain aig.

Bhiodh biulman math teine am meadhan a' làir
Bonnach-lic ris a' ghollaig is langa sa chlàr;
Annlan mo sheanair ga ith' le buntàt'
Bhiodh maorach na tràghad is boitean ac'.

Ann an 1950 phòs Cairistìona Rudhach, Niall MacDhòmhnaill, Niall a' Chaimainn, à Pabail Uarach. Thàinig Niall a dh'fhuireach dhan taigh-sgoile agus bha iad gu math dòigheil ann an Sgiogarstaidh gus an deach iad a dh'fhuireach ann am Pabail Uarach timcheall air 1968. Bha dà mhac aca, Dòmhnall Tharmoid agus Niall Iain.

'S e Dòmhnall Tharmoid ris an canar Donaidh Large an-diugh, agus ghabh e ùidh ann am bàrdachd a mhàthair nuair a bha e anns a' cholaiste ann an Glaschu mu 1974. Thòisich e ri sgrìobhadh ceòl airson bàrdachd Chairistìona, agus an dèidh sin thòisich i ri sgrìobhadh às ùr - 'A' Suathadh', 'Do M' Athair', 'Smuaintean Balaich', 'An Dèidh Leth-cheud Bliadhna', 'Gealach Bhuidhe an Abachaidh', 'Fad an t-Samhraidh gun Sgadan', 'A' Mheanbh-chuileag', 'A' Tilleadh gu mo Thìr', 'Ceann Gort is Aithreachas', 'Cuireadh Chun na h-Àirigh' agus grunnan eile cuideachd.

Air BBC Radio nan Gàidheal, chaidh faighneachd do Chairistìona an robh i ceòlmhor agus dè bha i a' faireachdainn mun t-seòrsa ciùil a bha a mac a' cur ri na facail aice:

"Saoilidh mi gu feum duine sam bith a bhios a' dèanamh bàrdachd, gu feum e ceòl a bhith aige. Ach nuair a bhios mi a' dèanamh òran an-diugh, 's ann tha mi gan dèanamh gus an tèid ceòl riutha.

Aig an aon àm tha mi fhathast a' feuchainn ri facail ùra, facail nach cuala mise riamh ann an òran a thoirt a-steach dha na h-òrain, ach tha fios agam gu bheil fonn a' dol riutha agus tha Dòmhnall a' cur fonn riutha a tha tighinn ris an òigridh. Cha chan mi gu bheil e a' tighinn ri mo leithid fhìn, ach tha e a' tighinn ris an òige. Agus mar sin dheth tha mi a' cluinntinn an-diugh an òigridh a' seinn facail nach biodh aca mur a biodh a' fonn ùr agus na facail aosta."

Mus do thòisich a mac Dòmhnall a' seinn nan òran aig Cairistìona, b' e glè bheag de dhaoine aig an robh fios gum biodh i ri bàrdachd idir.

"Chuir e fios thugamsa a dh'iarraidh na h-òrain. Cha robh e furasta dhomhsa an cruinneachadh, fear a' siud is fear a' seo, is bloigh a' siud is bloigh a' seo. Chuir mi cruinn iad is thuirt mi leam fhìn "Tha feadhainn dhan a' sin 's cha ghabh fonn cuir orra co-dhiù."

Ach ghabhadh, agus an dèidh a' chiad chlàr a rinn Donaidh Large bha iad air bilean an t-sluaigh. Bha an ceòl ùr, ged a bha na facail sean, agus cha robh e gu càil a h-uile duine. Cha do chuir sin Cairistìona sìos no suas.

"Chan ann dhan fheadhainn aosta tha mise a' sgrìobhadh ann, ach dhan fheadhainn òg. Tha mise coma, mo leithid fhìn aig a bheil Gàidhlig gu leòr, tha mise coma ged nach còrdadh iad riutha ma chòrdas iad ris an fheadhainn a tha ag èirigh suas agus a dh'fhaodas ùidh às ùr fhaighinn ann an Gàidhlig ri linn sin."

Agus dh'innis i mar a bhiodh i a' dèanamh nan òran:

"Tha mi dèanamh fonn beag nam cheann fhìn, chan e fonn ùr ach can fonn òran a choireigin, 's tha mi a' cur na facail ris a' sin. 'S chan eil mi toirt guth air fonn ri Dòmhnall. Cha bhiodh e ceart dhomhsa innse dè am fonn a bh' agam. Tha mise ga fhàgail aige.

Tha mi dìreach a' faireachdainn mar gum biodh tu toirt biadh à faochag, sin a' faireachdainn a th' agam.

Thig e, 's canaidh e, "A bheil sibh a' sgrìobhadh càil an-dràsta?"

'S bidh mi ag ràdh, "Tha mise ro aosta airson a bhith sgrìobhadh a' ghòraich a tha sin!"

"Och, tha mi ag iarraidh aon eile."

Is sin mar a tha iad a' tighinn, fear an dèidh fear, a dh'aon ghnothaich dha fhèin. Agus tha mi a' feuchainn ri facail nach cuala mi ann an òrain a-riamh fhaighinn a-steach annta air dòigh a choireigin."

Bha Cairistìona a' fuireach ann am Pabail rè fichead bliadhna, agus thug i a' chiad greis den àm sin ag obair ann an oifis Hebridean Transport ann an Steòrnabhagh. Cha robh Cairistìona cho dòigheil anns an Rudha 's a bha i ann an Nis, ach bha mòran charaidean aice ann am Pabail Uarach. Chaochail i aig aois 80 anns a' Ghiblein 1998.

Tha sinn gu mòr an comain Donaidh Large airson ar cuideachadh le fiosrachadh mu mhàthair.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.