Art MacCarmaig

Art MacCarmaig

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus an triùir chloinne, Ruaraidh, Eilidh agus Iain.

Thòisich e a' seinn nuair a bha e mu ochd bliadhna a dh'aois, agus choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich nuair nach robh e ach 18, am fireannach a b' òige riamh a choisinn an duais seo.

Tha e air grunn chlàir a dhèanamh, a' seinn leis fhèin agus a' seinn le còmhlain leithid Mac-talla agus Cliar agus tha e tric ri chluinntinn air rèidio agus ri fhaicinn air prògraman telebhisean.

Ged a tha e a' seinn cho tric agus is urrainn dha, tha e trang le obair-latha. Mar àrd neach-stiùiridh Fèisean nan Gàidheal, tha aige fhèin agus a luchd-obrach ri mu 45 Fèis, a' teagasg mu 13,000 duine òg gach bliadhna, a fhrithealadh.

Tha e cuideachd am measg a' cheathrar a chuir an companaidh Macmeanmna air chois, agus bha e na Chathraiche fad 14 bliadhna air Àros Ltd, an companaidh a thog agus a tha a' ruith ionad as a bheil taigh-dhealbh agus cluiche ann am Port Rìgh.

Tha e air a bhith air Bòrd Stiùiridh Hi-Arts, air Bòrd Riaghlaidh Eden Court an Inbhir Nis, air Comataidh-Ciùil Chomhairle nan Ealain agus na bhall de Chomhairle nan Ealain.

Tha e air a bhith na Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig bhon Ghearran 2009 agus na bhall den Bhòrd bho chaidh a chruthachadh ann an 2003.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.