Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein

Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein

Rugadh Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein, Aonghas Iain a' Mhuilleir, air 7 Samhain 1918, ann an Lionacleit, ann am Beinn na Fadhla, an dara duine a b' òige de theaglach anns an robh triùir ghillean agus triùir nighean.

B' i Màiri Anna 'Illeasbuig Dhòmhnaill Ruaidh à Beinn na Fadhla a mhàthair agus Seonaidh Mac a' Mhaoilein, am Muillear Ruadh, athar. Bha muileann aig athair ann an Lionacleit gus an do ghluais e fhèin agus an teaghlach dhan Chàrnan, ann an Uibhist a Deas.

Cha robh Aonghas Iain ach fichead bliadhna a dh'aois nuair a thòisich an cogadh agus chaidh e le na Camshronaich a shabaid dhan Fhraing. Fhuair a mhàthair brath gun robh e air chall anns a' chogadh ach an ceann ùine thàinig fios bhon Urramach Dòmhnall Caskie gu robh e beò agus air teiche bho na Gearmailtich.

Thug an Urrumach Caskie, a bhuineadh do dh'Ìle, cuideachadh mòr do dh'àireamh lìonmhor de Bhreatannaich agus shaighdearan à Feachdan na Co-Bhanntachd nan oidhirpean teiche bho na Gearmailtich. Aig a' cheann thall fhuair Aonghas Iain dhachaigh air bàta bho port Gibraltar. An dèidh tilleadh air ais a Bhreatainn bha e greis ann an ospadal ann a' Surrey.

An deidh a' chogaidh chaidh Aonghas Iain gu muir agus lean e ris a' chosnadh sin gus an do phòs e Màiri Magee, à Glaschu, anns an Iuchair, 1963. Bhuineadh cuideachd Mhàiri do dh'Eirinn bho thùs, agus bha i air làithean-saora a chuir seachad ann an Uibhist a Deas anns na leth-cheudan agus air eòlas a chuir air càirdean Aonghais Iain mus do choinnich an dithis aca. Bha triùir chloinne aca a tha fhathast a' fuireach ann an Glaschu.

An dèidh pòsadh bha Aonghas Iain na chlèireach ann an Roinn Zoology Oilthigh Ghlaschu agus bha e fhèin agus an teaghlach a' fuireach faisg air làimh air Sràid a' Bhanca, air taobh an iar a' bhaile.

Fad 's a bha e aig muir rinn e clàr ann an Sealan Nuadh ach gu mì-fhortanach chan eil lorg aig duine de chàirdean air a' chlàr sin an-duigh.

Tha seinn air a bhith anns an teaghlach. 'S e an seinneadair, Seonaidh Mac a' Phì, an Glaschu, mac Ceit a' Mhuilleir, piuthar Aonghais Iain, agus 's i Màiri NicAonghais, nighean Catrìona Dhòmhnaill a' Mhuilleir. B' e Dòmhnall sin bràthair Aonghais Iain.

Chaochail Aonghas Iain ann an Glaschu air 28 Cèitean 1987, aig aois 68.

Tha sinn an comain Iain Mac a' Mhaoilein, à Glaschu, mac Aonghais Iain, Catrìona NicAonghais, à Uibhist a Deas, nighean Dhòmhnaill a' Mhuilleir, bràthair Aonghais Iain agus Seonaidh Mac a' Phì, à Glaschu, mac Ceit a' Mhuilleir, a phiuthar, airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.