Aonghas Greumach (Am Misean)

Aonghas Greumach (Am Misean)

Rugadh Aonghas Greumach (Am Misean), Aonghas Dhòmhnaill Mìcheal, ann am Borgh air taobh siar Leòdhais ann an 1905. B' i Màiri Nic a' Ghobhainn à Tolastadh bu mhàthair dha. Bha Aonghas eile anns an teaghlach, na bu shine na e, agus 's ann airson dealachadh a dhèanamh eatorra a thug a mhàthair am far-ainm, Am Misean, air.

Bha e na b' òige na bha ceadaichte airson a dhol a sheòladh nuair a dh'fhalbh e gu muir an toiseach, a' cleachdadh cairt-aithneachaidh a bhràthar, Aonghas, airson obair fhaighinn. Lean e an obair sin, cha mhòr gun bhriseadh, airson faisg air leth-cheud bliadhna. Thug e bliadhnaichean mòra ag obair aig a' New Zealand Shipping Company agus cha do dh'fhuirich e air tìr gus an robh e 67 bliadhna a dh'aois.

Ged a bha ùidh aige ann a bhith ag ionnsachadh òrain agus ged a bhiodh e a' seinn aig àm Bliadhn' Ùir' agus aig cruinneachaidhean san dachaigh, bha e greiseag aoise mus do thòisich e a' seinn mu choinneamh luchd-èisteachd. Bhiodh e an uair sin tric ri chluinntinn anns an Legion ann an Steòrnabhagh agus ann an Talla Bharabhais.

Ann an 1938 phòs e Màiri Mhoireach, a bhuineadh do Bhorgh cuideachd, agus bha sianar chloinne aca, ceathrar nighean agus dithis bhalach. Chaochail fear de na balaich aig aois còig bliadhna le diphtheria.

An-diugh tha dithis den teaghlach a' fuireach ann am Borgh, dithis ann a' Steòrnabhagh agus tha Dena, aig a bheil cliù mar sheinneadair i fhèin, a' fuireach ann an Inbhir Nis.

Thug Aonghas greis ag obair aig gnìomhachas an t-siùcair ann an Cùbar Fìobha, obair nach do chòrd ris idir. Nuair a chaochail a bhean, Màiri, ann an 1961 dh'fhan e aig an taigh greis cuideachd, a' coimhead às dèidh an teaghlaich.

Phòs Aonghas a-rithist ann an 1968 agus bha e fhèin agus a bhean, Betty Dale, a' fuireach ann am Bruach Chluaidh. Bhiodh Betty tric a' dol gu muir còmhla ris agus e ag obair ag ionnsachadh sheòladairean òga. Nuair a leig e dheth a dhreuchd, chaidh iad a Leòdhas, a dh'fhuireach ann am Barabhas.

Chaochail Aonghas ann an 2004.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.