Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

'S ann à sgìre Nis, Leòdhas, a bha Aonghas Caimbeul, no Am Puilean mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e. Mar a sgrìobh e fhèin san leabhar A' Suathadh ri Iomadh Rubha as a bheil e a' toirt eachdraidh a bheatha:

"Rugadh mise air an naoidheamh latha den Dàmhair 1903. Bu mhì an treas duine ann an sianar de theaghlach. Theireadh iad Alasdair Mhurchaidh Òig ri m' athair agus bhuineadh e do Thàbost. B' i mo mhàthair Cairistìona Aonghais MhicGillEathain no "Reuban" (am far-ainm air an sloinnte esan)."

B' e ceistear a bha na athair agus ghluais an teaghlach gu Beàrnaraigh na Hearadh nuair a bha e 14. Ann an sin bha e greis na ghille-sprèidhe agus na fhear aiseig air Caolas na Hearadh, mus deach e a dh'obair air gheat le fear Liddel à Dun Èideann.

'S iomadh annas a chunnaic e air a' chuairt seo bho "Coire-Bhreacain am braise a colg" gu Loch Coir Uisge, "sealladh cho borb uamharra 's a tha e an comas dhut fhaicinn," rèisean gheataichean air Cluaidh agus ann an Cowes, agus "còrsa deas na Roinn Eòrpa, a' tadhal gu h-àraidh air an t-seòrsa àiteachan a bha nan clach-iùil dhan duine bheartach a' sireadh cuirm is fearas-chuideachd."

An dèidh seo ghabh Aonghas dhan arm cheangailte, dha na Sìophortaich, agus thug sin e a dh'Èirinn a Tuath agus cho fada ris a' chrìoch eadar na h-Ìnnseachan agus Afganastan. Chual' e òraid le Mahatma Gandhi, "Thàinig an duine naomh ann an seann ghlagan de Ford, Model T, le cheann maol gun chòmhdach, falluinn lìon-anairt gun mhuinichill, gun phutan, a' còmhdach a ghuaillean."

Chunnaic e Amy Johnson, "'S e gliogan-glagan beag, aotrom, an-earbsach a bh' anns an t-soitheach-adhair aice, Jason."

Air dha tilleadh dhachaigh a Nis dh'fhosgail e bùth bheag ann a' Suaineabost agus phòs e Màiri NicAoidh à Eòropaidh ann an 1933.

Nuair a thòisich an Cogadh an 1939 chaidh e air ais do na Sìophortaich agus chaidh a ghlacadh le na Gearmailtich aig St Valery ann an 1940.

"Bha na tancaichean a-nis mar choin a' cròdhadh chaorach, gar sgiùrsadh gu bilean nan creag, creagan a bha cho àrd ri dà cheud troigh agus gruamach, cas, da rèir. Air am bidean lom cha robh sgor no sgùrr ris an crùbadh tu gus thu fhèin a dhìon, ach nuair nach robh rian dol-às againn, theannaich iad a-steach rinn, dh'iarr iad oirnn ar n-armachd a shadadh bhuainn agus strìochdadh. Bha an Cogadh againn seachad."

Bhon uair sin gus an deach a shaoradh air 11 Giblein 1945, bha e ann an campaichean prìosanaich anns a' Phòlainn.

Mise an teann ghlasan do chuing
braighdeanas tha claoidh mo threoir,
M' inntinn ga bhloigheadh le h-òrd,
còmhnadh m' an-shocair le smuain;
Togail cuibhrichean mo dhaorsa
dol ma sgaoil air thaod mo dheòin,
Rèiseadh steud-each air nach clòth
eadar Poland 's baile Chluaidh,
Cur mo bhàta bhàrr nan caol
m' eilean fraoich aice fo sròin
Dh'fhàilteachadh mo phàisdean òg,
càirdean eòlach 's bean mo luaidh.

Dh'fhoillsich Gairm Moll is Cruithneachd, cruinneachadh de bhàrdachd a' Phuilein, ann an 1972 agus dh'fhoillsich an aon chompanaidh eachdraidh a bheatha A' Suathadh ri Iomadh Rubha ann an 1973.

Chaochail Aonghas Caimbeul air an latha seo, 28 Faoilleach, ann an 1982.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.