Aonghas Caimbeul (Am Bocsair)

Rugadh Aonghas Caimbeul, mac Alasdair Mhurchaidh Òig à Suaineabost, air 3 Sultain 1908, ann an Nis, Leòdhas. Bha e na b' òige na a bhràthair, air an robh an t-ainm Aonghas cuideachd agus am far-ainm, Am Puilean.

Anns an ro-ràdh a sgrìobh Am Puilean don leabhar as a bheil bàrdachd a bhràthair air fhoillseachadh, tha e ag ràdh:

"Thug iad Am Bocsair air na bhalach òg an Sgoil Chrois, air sgàth gu robh e sgileil agus cruaidh air sabaid dhòrn am measg a chomhaoisean."

B' e miseanaraidh san Eaglais Shaor a bha na athair agus ghluais an teaghlach gu Beàrnaraigh na Hearadh nuair a bha e 10. Bha iad an sin bho 1918 gu 1926 agus cha do chaill e riamh an ceangal a bha aige ris an eilean agus ri muinntir Bheàrnaraigh:

B' e 'n tlachd dom shùil bhith tàmh ann
An àm an fhoghair chàilear
'S na h-iomairean fo bhàrr-bhuidhe òr-dhait';
Bidh corc is eòrna fàs ann
Gu crothach, torrach, àillidh,
'S bàrr-guc air a' bhuntàta cho glòrmhor.

Is grinn na lochan sàmhach
Fraoch bagaideach cur sgàil orr'
'S na bric a' faighinn tàmhachd nan òban;
Nad inntinn cinnidh mànran
Ag amharc air an sàr mhais
Nan toireadh aoidh air nàdar dhut sòlas.

Tha 'n sluagh ro-chridheil, càirdeil,
An eilean uaine Bheàrn'raigh
'S iad furanach nam fàrdaichean òrdail;
An coigreach gheibh e bàigh ann
Na h-euslaintich gheibh slàint' ann.
'N trom inntinn gheibh i tàladh le ceòl ann.

Ghluais an teaghlach an uair sin gu Beàrnaraigh Ùige Leòdhais agus à sin chaidh Aonghas a Ghlaschu. Chaochail a mhàthair ann an 1930, agus le athair a' dol a dh'Uibhist a Tuath goirid an dèidh sin, thill Aonghas a Nis.

"'S e bliadhnaichean aighearach, sòlasach a chuir e seachad an Nis. Bha e na sheinneadair anabarrach math agus ceòlmhor agus aig an àm ud cha robh banais, fèisd-chiùil no cèilidh aig nach robh coitheanal làn-riaraichte nuair a bhiodh e fhèin agus Kitty NicLeòid a' seinn, duine mu seach."

Bha Am Bocsair a' cumail bùth an Nis gus an do thill e a-rithist a Ghlaschu, ann an 1933. Fhuair e obair ann an Ospadal Hawkhead, far an robh e mu shia bliadhna:

Taigh Ceann a' Chlamhain
nan daoine tha geanail,
'S ann dhomhsa nach b' aireach
thighinn tarsainn a riamh air;
Meadhan an earraich
chaidh mise fo chabair,
'S tha mòran am barail
nach fhaigh mi am bliadhn' às.

Thuirt Màiri mo phiuthar
gun chuir i orm umhail,
Nuair bhrist mi na h-uighean
's cearc-ghuire sa chliabh orr';
Gu robh fios aig a' bhaile
an Cros 's anns na Dailean
Gur siud far an stadainn
am amadan cianail.

Ann an 1937, phòs Aonghas Màiri Mhoireach, Màiri Dhoileara, nighean le piuthar Dhòmhnaill Chràisgein, Bàrd Bharabhais. Bha iad an toiseach a' fuireach an Glaschu ach, ann an 1940, thill iad a Leòdhas agus rinn iad an dachaigh ann an Dail bho Dheas, far na thòisich Aonghas ag obair na mharsanta.

Bha ceathrar a theaghlach aca, triùir mhac, Dòmhnall, Alasdair agus Tormod agus aon nighean, Cairistìona. Tha Alasdair agus Tormod an-diugh aithnichte mar sgrìobhaichean.

Cha robh Am Bocsair làidir, no gu tur slàn. Mar a mhìnich a bhràthair, Am Puilean:

"Ghabh e dà thinneas cudthromach an Glaschu a chuir gaiseadh na shlàinte agus bho nach robh e gu tur saor a riamh tuilleadh, ged bha e na chomas a ghnothaichean làitheil a chur gu buil gus an dà bhliadhna mu dheireadh de bheatha.

Cha robh ìocshlaint no cungaidh-leigheis da eucail ann san àm ud; agus ged is ann air ceuman mall na feall-fholaich a bha an creachadair a' lagachadh a threòir, bha an deireadh doilgheasach do-sheachnach."

Thàinig atharrachadh am beatha Aonghais mu thrì bliadhna mus do bhàsaich e agus thug sin buaidh air na dàin mu dheireadh a rinn e:

Air sgath aon-ghin do ghaoil
Èist a' ghlaodh seo bhon talamh
Tha mo lotan ro bhreun
'S chan eil crè annam fallain;
Ged a rannsaich mi geur
Cha robh lèigh dhomh ri fhaighinn
Dh'fhàs an saoghal dhomh searbh
'S chaidh a dhearbhadh dhomh falamh.

Ach tog thusa mi, Dhè,
Stiùir mo cheum air an rathad
Thoir dhomh comas is dèidh
A bhith rèidh riut gun ghearain;
Stiùireadh m' aignidh 's mo smuain
Air an dùthaich tha maireann
Far na dh'ullaich thu àit'
Rinn do ghràdh dhuinn a cheannach.

Chaochail Am Bocsair ann an 1949. Chaidh cuid dhe bhàrdachd fhoillseachadh an toiseach ann an leabhar beag Òrain Ghàidhlig, ann an 1943, agus chaidh cruinneachadh na bu mhotha, Bàrdachd a' Bhocsair fhoillseachadh le MacDonald Publishers an Dùn Èideann ann an 1978.

Tha seinneadairean fhathast measail air cuid de na h-òrain aige, gu h-àraidh 'Osag Chùbhraidh nam Beannaibh' agus 'Air Bhàrr nan Tonn gu Siùbhlamaid'.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.