Anna NicIllEathain

Anna NicIllEathain

Rugadh Anna NicIllEathain (Draper) anns an t-Sàilean, Muile. Chaidh i dhan sgoil aig Aiseag Ulbha, an dèidh sin an Tobar Mhoire agus mu dheireadh a dh'Àrd-sgoil an Òbain.

'S i bu shine dhan teaghlach agus bha triùir pheathraichean agus triùir bhràithrean aice. Bha an teaghlach a' fuireach ann an Taighean Achadh an Rainich aig Aiseag Ulbha. B' i Anna NicGillìosa à Tobar Mhoire a màthair agus b' e Ailean 'Ruadh' MacIllEathain a h-athair. Bha Ailean Ruadh na iasgair ghiomach agus na sgiobair air an Annie Jane, bàta a bha aig am Màidsear Èideard Compton à Tòrrloisgt.

Bha Anna anns na WRENS tron chogadh, an toiseach stèidhichte anns an Òban far an do choinnich i ris an duine aice, Marshall, aig consart far a robh ise a' seinn agus far an robh esan a' cluich na fìdhle. Phòs iad an an 1942 agus bha dithis mhac aca, Fulton agus Ailean.

'S ann à Cill Mheàrnaig a bha Marshall agus bha e ag obair aig Oifig a' Phuist. An dèidh a' chogaidh bha iad a' fuireach ann an Caol Loch Aillse agus anns a' Phloc.

An uair a fhuair Marshall àrdachadh na dhreuchd, chaidh iad a dh'fhuireach a dh'Obar Dheathain.

Chaidh Anna chun a' Mhòd Nàiseanta airson a' chiad uair ann an 1935 agus choisinn i Bonn Airgid nan clann-nighinn, an duais a b' àirde airson fileantaich. Nuair a bha i ann an sgoil an Òbain b' e Dòmhnall MacThòmais, a chuir seachad a bheatha ag obair às leth na Gàidhlig agus am Mòd, a bha aice mar fhear-teagaisg.

Choisinn i am Bonn Òr aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1949 agus, mar a bha tachairt aig an àm sin, chaidh i air chuairt tro bhailtean na Gàidhealtachd a' seinn ann an iomadh coimhearsnachd. Bha i cuideachd a' seinn ann an Copenhagen, Èirinn agus anns a' Bhreatainn Bhig.

Bha e a' toirt tlachd anabarrach dhi a bhith a' seinn ann an Talla Naomh Anndra ann a Glaschu air sgàth agus cho math 's a bha an àrainneachd ann airson ceòl.

Bha Anna na ball den Chomunn Ghàidhealaich airson leth-cheud bliadhna. Mar Iar Neach-cathrach air Comataidh-Ciùil a' Mhòid, rinn i fhèin agus Marshall obair mhòr ag ullachadh òrain airson co-fharpaisean. Bho 1995 gu 1999, bliadhnaichean a bha riaslach dhan Chomunn, bha i na Ceann-Suidhe air a' bhuidheann.

Fhuair i urram M.B.E. ann an 2000 airson na rinn i air sgàth na Gàidhlig agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail. Bhiodh i cuideachd a' teagasg Gàidhlig ann an Oilthigh Obar Dheathain.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.