Anna Mhoireach

Anna Mhoireach

Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pàrantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, gu Sgoil MhicNeacail agus an uair sin gu Oilthigh Ghlaschu a dhèanamh Gàidhlig, Theatre Studies agus eòlas-inntinn.

Fhuair i cothrom a dhol a dh'obair air an t-sreath telebhisean Machair agus dh'fhàg i an Oilthigh airson a dhol a sàs anns "a' chùrsa is mionaidiche a rinn mi riamh."

Thug Anna iomadh bliadhna a' dol gu Mòdan agus tha i a nis a' toirt a clann fhèin gan ionnsaigh. Tha an dithis nighean aice a' seinn ach tha an gille beag fhathast aig ìre far an fheàrr leis a bhith a' dèanamh ùpraid air drumaichean.

Fad fichead bliadhna tha Anna air a bhith sàs ann an ceòl, theatre, agus nam meadhanan. Mar eisimpleir bha i a' libhrigeadh nam programan ealain Tacsi agus bha i anns an opara Hiort agus Lazy Bed le Iain Crichton Mac a' Ghobhainn.

A bharrachd air a bhith a' seinn agus a' cruthachadh ceòl tha Anna cuideachd na sàr pìobaire agus tha seo air a toirt a chluich anns a' Ghearmailt, Ameireagaidh, sa Ruis agus an iomadh àite an Èirinn agus am Breatainn. Tha i cuideachd air òrain agus pìobaireachd a theagasg an co-cheangal ri pròiseactan eadar-dhealaichte. Ged thuirt an sgrìobhaiche Rob Adams uair mu deidhinn gur e "the hooligan of piping" a bh' innte, tha an gaol a tha aig Anna air òrain Ghàidhlig agus na ceanglaichean làidir a th' aice ri a dachaigh ann a' Leòdhas a' cur blas na bàrdachd air a ceòl.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.