An t-Urr. Uilleam MacMhathain

Rugadh an t-Urramach Uilleam MacMhathain air 25 Lùnastal, 1910 ann an Solas, Uibhist a Tuath, a' chiad mhac de dhithis aig Calum MacMhathain agus a bhean Màiri Mhoireach, iad le chèile à Leòdhas.

Cheumnaich e le urram ann an Eachdraidh à Oilthigh Dhùn Èideann an 1933. Thairis air dà shamhradh, 1935 agus 1936, rannsaich e òrain Iain MhicCodrum mar a bha iad air chuimhne anns na h-Uibhistean agus ann am Barraigh, agus e ag obair air an leabhar Òrain Iain Mhic Fhearchair (Oliver and Boyd, Dùn Èideann, 1938) a bha sònraichte a thaobh an dòigh anns an robh e a' cleachdadh fiosrachadh bho bheul-aithris a bharrachd air fiosrachadh sgrìobhte.

Mar a sgrìobh a charaid Fred MacAmhlaigh:

"Aig an àm seo bha farsaingeachd na sgoilearachd nach robh daoine cleachdte ris agus na cuspairean air an robh e a-mach, bha iad uile dlùth do chridhe muinntir an àite – òrain, beul-aithris, eachdraidh, sloinneadh, eadhon a' Ghàidhlig a bha iad a' bruidhinn agus na faclan agus na gnathasan-cainnt a bha iad a' cleachdadh, bha iad uile nan toileachadh do dh'Uilleam an cluinntinn agus an tasgadh.

Bha e cho follaiseach gu robh ùidh agus tlachd neo-àbhaisteach aige anns a h-uile cuspair anns an robh e an sàs 's nach robh e na iongnadh ged a bhiodh miadh aig daoine air. Bha e cuideachd làn rabhd agus spòrs agus mar sin na dheagh chèiliche."

Deireadh 1938, chaidh Uilleam do Cholaiste na Diadhachd an Dùn Èideann. Shaothraich e mar mhinisteir an toiseach anns a' Bhlàr Dubh agus an uair sin an Tobar Mhoire. Ann an 1952 fhuair e cuireadh tighinn a dh'Oilthigh Dhùn Èideann mar Leughadair ann an Gàidhlig. Rinn Fred MacAmhlaigh luaidh air an obair a rinn e an sin.

"Rinn Uilleam obair ionmholta eadar teagasg agus sgoilearachd agus mhisnich is dh'ionnsaich e a chuid oileanach gu lèir gu ùidh is tlachd nan obair. Bha buaidh mhòr aige air an luchd-èisteachd agus aon uair is gun tòisicheadh e air cuspair, bha e doirbh àicheadh, bha e cho tarraingeach na dhòigh is na sheanchas."

Tha sealladh air sgoilearachd Uilleam ri fhaighinn anns na h-òraidean a thug e do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis agus anns an leabhar An Clàrsair Dall (The Blind Harper, Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann 1970)

Dh'fhàg e cuideachd dìleab phrìseil de dh'òrain, mu 500 dhiubh le fiosrachadh mu mhòran dhiubh, air clàr ann an Sgoil Eòlais na h-Alba. Chan eil mòran de sheinneadairean an latha an-diugh nach eil an comain Uilleim.

Chaochail Uilleam MacMhathain ann an Dùn Èideann air 30 Samhain, 1996. Chan eil duine a bha eòlach air nach aontaicheadh ri Fred MacAmhlaigh:

"Dhuinne a bha eòlach air agus daonnan na chuideachd 's e a bhlàths, a chàirdeas, a chathrannas, lasair a shùla, fiamh a ghàire, agus a chomas gu caithris a chumas cùbhraidh nar cuimhne e. Dh'fhàg e beàrna mhòr, mhòr, agus cha lìonar i sa ghinealach seo, no 's dòcha am feast."

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu Uilleam MacMhathain ri fhaighinn ann an iris Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 35.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.