An t-Urr. Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal)

An t-Urr. Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal)

Bhuineadh an t-Urramach Tormod MacLeòid do theaghlach ainmeil as a' Mhorbhairne. Thàinig iad bho fhear, Dòmhnall MacLeòid, aig an robh taca Shuardail faisg air Dùn Bheagain ann am meadhan na h-ochdamh linn deug. B' e Gobha Shuardail no An Gobha Mòr a chante ris, oir bha e a' dèanamh chlaidheamhan do chinn-cinnidh nan Leòdach.

Bha e air innse gur e duine cràbhach a bh' ann, a bha am measg a' chiad fheadhainn a thoisich a' cumail adhradh teaghlaich ann an Sgìre Dhùirinis.

Phòs Gobha Shuardail Anna Chaimbeul, tè de Chaimbeulaich Scalpaigh na Hearadh. Bha co-dhiù dithis mhac agus aon nighean aca.

B' e Tormod a bha air aon de na mic. Rugadh e an 1745 agus, aig aois 18, thug seanadh Ghlinn Eilge bursaraidh dha de £6.00 sa bhliadhna, a chuidich e a dhol a dh'Obar Dheathain airson foghlam fhaighinn. Thug e greis na mhaighstir-sgoile an Dùirinis, agus an 1775 chaidh a shuidheachadh mar mhinisteir sgìre sa Mhorbhairne far an robh e gus na chaochail e ann an 1824 aig aois 80.

Bha dithis mhac aig Tormod, Tormod Òg agus Iain, agus b' e Tormod Òg (1783-1826) ùghdair an òrain.

Bha Tormod iomraiteach mar mhinisteir, ann an Ceann Loch Chille Chiarain, an Campsie, agus an Eaglais Chaluim Chille an Glaschu. Ach a bharrachd air a sin choisinn e cliù maireannach mar Charaid nan Gàidheal. A' bruidhinn mu dheidhinn air prògram Gàidhlig air a' BhBC air 11 Ògmhios 1957, thuirt an Urr Tòmas MacCalmain:

"Rinn e furtachd air droch chor nan Gàidheal gu lèir ri amannan mòr-ghainne, agus chuir e gu mòr ri litreachas na Gàidhlig, an dà chuid an rosg agus am bàrdachd."

Air prògram eile, air 25 Cèitean 1953, mhìnich Mgr MacCalmain mar a rinneadh an t-òran:

"Bha e na mhinisteir an Ceann Loch Chille Chiarain an t-àm dha an t-òran a sgrìobhadh. Bha e fhèin is bana-charaid còmhla aon latha agus, a rèir coltais, chuir iad romhpa feuchainn cò a b' fheàrr is bu luaithe a sgrìobhadh òran ùr. Cha robh esan fada ris.

Goirid an dèidh sin nach ann a chuala e an t-òran air a sheinn air sràidean a' bhaile is cha do chòrd seo idir ris. Dh'fheuch e ri stad a chuir air daoine a bhith ga sheinn. Gu fortanach cha do shoirbhich leis."

Fiosrachadh mun t-Eadar-theangaiche

B' ann am Beurla a chaidh an t-òran a sgrìobhadh an toiseach agus b' e Gàidheal ainmeil eile, Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich à Ile a dh'eadar-theangaich gu Gàidhlig e.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.