An t-Urr. Pàdraig Grannd

Air prògram Gàidhlig a' BhBC sa Mhàrt 1966, thuirt an t-Urr. Èideard G. Caimbeul, a bha aig an àm ann am Bellshill an Siorrachd Lannraig, gu robh e a' dol a dhèanamh luaidh air "bàrd, soisgeulaiche, sgrìobhadair agus tuathanach a rugadh anns a' bhliadhna 1783. Tha a bhàrdachd a' còmhdach dà fhichead bliadhna, a' sgrìobhadh agus a thuathanachais nas lugha tìm. Tha a chliù air mòran bhilean agus ann an iomadh ceàrn den domhain". Bha e a' bruidhinn air Pàdraig Grannd.

Trì mìle bho Bhaile nan Grannd ann an Srath Spè, tha dà bhaile fearainn, am Baile Tuath agus Bail an Luig agus b' ann as a' chiad fhear a rugadh Pàdraig ann an 1783, an duine a b' òige ann an teaghlach de chòignear chloinne. Bha athair, Dòmhnall Grannd, na fhìdhleir barraichte.

Aig aois trì bliadhna chaidh Pàdraig gu taigh a sheanair, athair a mhàthar, am Bail an Luig, agus a rèir coltais bha e tric e a' cumail sùil air crodh air Monadh Uachdair. Chaochail a mhàthair nuair a bha e seachd.

Air prògram Gàidhlig a' BhBC air 2 Sultain, 1946, fhuair sinn an dealbh seo air Pàdraig òg:

"Cha robh anns an sgìre fìdhlear a bheireadh bàrr air Dòmhnall Grannd, athair Phàdraig, agus bhiodh e daonnan aig gach cruinneachadh agus gach dannsa bhiodh anns an t-srath.

Cha robh e na mhòr iongnadh matà ged a bhiodh Pàdraig air a tharraing a dh'ionnsaigh taigh athair, agus aig aois 18, a' tuiteam am measg na cuideachd seo a bhiodh gu tric an cois an fhìdhleir. Bha tàlantan athair air am buileachadh air Pàdraig, agus bha esan cuideachd na fhìdhleir air leth.

Bha e gu nàdarra toilichte na inntinn; bha e ro mhath air seinn nan òran agus dèidheil air dannsa agus bha "an nàmhaid" ag ràdh ris nach robh cron sam bith 's na nithean sin."

Dh'innis an t-Urr. Caimbeul mar a chaidh Pàdraig iompachadh:

"Bha eòlas aige air Dia. Bha e air ceann na seinn san eaglais; bha e ri beagan teagaisg ach bha àite na chridhe air son cèilidh agus dannsa.

Thàinig bas duine òg don bhaile. Chaidh e a dh'ionnsaigh an tiodhlacadh agus air an fheasgar sin choisich e còig mile gu cluich aig dannsa.

"Ràinig mi an t-àite, thuirt e. Bha mi dall le eagal. Shuidh mi gun chomas labhairt. Cha robh misneach agam an taigh fhàgail. Chaidh a' choinneal às. Dh'fhalbh mi san dorchadas. Tha mi an dòchas gun do dh'fhàg mi beannachd shìorraidh aig dìomhanas."

Air an t-Sàbaid an dèidh sin, threòraich e seinn na h-eaglais ach feasgar chuir e aghaidh air coitheanal duine a' chòta ruaidh, Lachlan Mac an Tòisich. Bhuineadh an teachdaire do Bhàideanach agus do sheirbheis na Haldanes. Bha an t-adhradh a-mach air an raon. Chual' e seinn:

Is e mo thàmh 's mo shuaimhneas fòs,
Gu suthain is gu sìor;
An seo ni mise fàrdach dhomh
Oir is i mo mhiann gu fìor.

Le guth làidir agus briathran taitneach, le gnùis choimh agus sùil bheò labhair Mac an Toisich. Air an oidhche sin chunnaic Pàdraig a dhleasdanas."

Bha Lachlan Mac an Tòisich na mhinisteir san Eaglais Bhaisteach ann an Srath Spè agus thug e buaidh mhòr air Pàdraig Grannd. An dèidh dha an sgìre fhàgail chuir an eaglais cuireadh gu Pàdraig tighinn na àite. Bha e an sin bho 1826 gus an do dh'eug e ann an 1867.

Bha na laoidhean aige air an seinn fad is farsaing agus bha cliù aige cuideachd airson a bhith deas-bhriathrach.

Mar a dh'innis an t-Urr. Caimbeul:

Aig crìoch seirbheis shòlaimte ann an Inbhir Pheofharain thàinig duine ionnsaichte a' tabhairt taing. "Ciod an oilthigh anns an robh sibh?" thuirt an sgoilear. "Càite an do chruinnich sibh ur foghlam?"

Fhreagair Pàdraig, "Eadar làmhan a' chrainn-treabhaidh".

Chaochail e ann an 1867.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.