An t-Urr. Iain Urchardan

An t-Urr. Iain Urchardan

Rugadh an t-Urramach Iain Urchardan as na Bàigh, Na Hearadh, agus thòisich e a' dol don sgoil ann a' Sgoil Mhànais. Ghluais an teaghlach chun an t-Òb agus chaidh e do Sgoil an t-Òib, Sgoil Sir E Scot air an Tairbeart, agus an uair sin Sgoil MhicNeacail ann a' Steòrnabhagh.

Bha ùidh mhòr aige riamh anns na h-ealain agus, nuair a bha e deiseil san sgoil, chaidh e gu Sgoil Ealain Ghlaschu airson ceithir bliadhna.

Às dèidh sin fhuair e obair aig a' BhBC agus bha e an sàs ann am prògraman airson Radio nan Gàidheal agus prògraman telebhisean fad còig bliadhna. Chaidh e an uair sin a dh'Oilthigh Obar Dheathain far an do rinn e cùrsa ann an Diadhachd.

'S e paraiste Chryston a' chiad pharaiste a bh' aige na mhinistear agus chaidh e às a' sin os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba am Barraigh agus Bhatarsaigh airson trì bliadhna. Ghluais e an uair sin dhan Eilean Sgitheanach, far a bheil e air a bhith airson sia bliadhna.

Tha e pòsta aig Muriel agus tha triùir chloinne aca, Mairead Anna, Eòin agus Sìleas.

Tha Iain cuideachd a' teagasg Gàidhlig do dh'oileanaich ann an Sabhal Mòr Ostaig agus tha e an sàs ann an obair eadar-theangachaidh airson Eaglais na h-Alba. Mar phàirt den obair seo, tha e ag ullachadh leabhar ùrnaigh sa Ghàidhlig, a' cruthachadh làrach-lìn agus ag ullachadh leabhar làitheil le leughaidhean, ùrnaighean is eile airson gach latha den bhliadhna. Tha e cuideachadh air a' chomataidh a tha a' dèanamh eadar-theangachadh as ùr dhan Tiomnadh Nuadh.

Thòisich Iain air laoidhean eadar-theangachadh bho chionn timcheall air deich bliadhna. 'S e na laoidhean bu shine bu mhotha anns an robh ùidh aige an toiseach, ach a-nise tha e ag eadar-theangachadh laoidhean ùra - laoidhean molaidh, agus feadhainn a tha sìmplidh agus freagarrach don chloinn.

Tha e cuideachd air tòiseachadh a' peantadh a-rithist.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.