An t-Urr. Eàirdsidh Dòmhnallach

B' ann à Bail' a' Phuill an Tiriodh a bha an t-Urramach Eàirdsidh Dòmhnallach, Eàirdsidh Ailein. Rugadh e sa bhliadhna 1869.

Thàinig e fo bhuaidh spioradail soisgeulaiche air an robh Donnchadh Drysdale a thadhail san eilean. Chaidh a bhaisteadh leis an t-Urramach Donnchadh MacPhàrlain, am ministeir Baisteach a bha ann an Tiriodh aig an àm agus thòisich e ri saothrachadh don eaglais an dèidh sin.

Bha e ann am Bun Easain am Muile eadar 1906 agus 1912, agus ann am Bogha Mòr an Ìle eadar 1913 agus 1927. Bha e ann an Colbhasaigh aig àm a bhàis ann an 1930.

Sgrìobh an t-Urramach Dòmhnallach mòran laoidhean eile agus tha grunn dhiubh sin rin lorg anns an Gaelic Hymn Book, a chuir Comunn Soisgeulach Gàidhealach Ghlaschu a-mach an toiseach ann an 1899. Tha iad air an sgrìobhadh ann an cainnt shìmplidh, le teagasg shoilleir:

'S ann an stàball Bhetlehèim
Rugadh ceud ghin an Àigh;
B' esan Uan neo-lochdach Dhè
'S chaidh a cheusadh nar n-àit'.

Sèist / Chorus

Seinnibh cliù an Tì thug buaidh
Air an uaigh 's air a bhàs;
'S esan Slànaigheir nam buadh
'S nì sinn luaidh air gu bràth.

'S ann air Calbhairi leis fhèin
Rinn E rèite le bhàs;
Chreach E nàimhdean gu lèir
'S rinn E èirigh 'n treas là.

Chaidh e suas air ionad àrd
Ann an Àros a ghaoil;
'S tha e tagradh ann ar 'n àit'
'S mòr a ghràdh do chloinn-daoin'.

Bhon tha 'n obair nis aig crìoch
'S rinn E sìth airson dhaoin';
Faodaidh peacaich bhith fo dhìon
Ann a rìoghachd 's i cho saor.

Dhuibh a chreideas ann an Crìosd
Cha bhi dìteadh gu bràth;
Gheibh iad maitheanas is sìth
Siud tha' n fhìrinn ag ràdh.

Tha sinn gu mòr an comain an Oll. Dòmhnall E. Meek airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.