An t-Urr. Alasdair Stiùbhart

Rugadh an t-Urramach Alasdair Stiùbhart ann am Beinn na Fadhla sa bhliadhna 1829. Bha athair na Oifigear Cìsean anns na h-Eileanan an Iar airson còrr agus fichead bliadhna, ged a ghluais an teaghlach nuair nach robh Alasdair ach òg don Òban.

Chaidh e don sgoil anns an Òban agus an uair sin do sgoil Chille Mhìcheil ann an Siorrachd Pheairt mus deach e do dh'Oilthigh Chill Rìmhinn ann an 1843. Cheumnaich e le urram.

Fhuair e cead searmonachaidh bho Chlèir Phàislig sa bhliadhna 1851 agus chaidh e na mhinisteir do eaglais na h-Alba ann am Baile Chaolais agus Àrd Ghobhair far an do shaothraich e fad leth cheud bliadhna, gus na chaochail e.

Cha b' e nach robh coitheanal eile ga iarraidh. Roghnaich e fhèin fuireach far an robh e oir bha e air fàs cho dèidheil air na daoine agus air an dùthaich.

Fad dà fhichead bliadhna bha e a' sgrìobhadh don phàipear-naidheachd, an Inverness Courier, colbhan as an robh e a' beachdachadh air sgaoilteach de chuspairean co-cheangailte ris a' Ghàidhealtachd, eachdraidh, dualchas, cleachdaidhean, creideasan, litreachas, agus an àrainneachd.

Bhiodh e a' sgrìobhadh fon ainm-pinn Nether Lochaber agus nochd leabhar de a sgrìobhaidhean fon ainm sin ann an 1883. Chaidh leabhar eile, Twixt Ben Nevis and Glencoe, fhoillseachadh ann an 1885. Tha ainm cuideachd ri lorg ann an iomadh iris.

Bhuilich Oilthigh Chill Rìmhinn Ceum L.L.D air ann an 1884, mar chomharra air an inbhe a bha aige mar sgoileir saidheans agus litreachais. Bha e air a thaghadh mar bhall de iomadh comann ionnsaichte, nàiseanta agus ionadail.

Ann an 1852 phòs e an nighean bu shine a bha aig a' Chaiptean Moireasdan aig an robh Sallachan House an Àrd Ghobhair, agus bha dithis de theaghlach aca, nighean agus gille.

Bhathar ag ullachadh cuirmean, an dùil a leth-cheud bliadhna na mhinisteir a chomharrachadh sa Ghiblein 1901, nuair a dh'eug e air 17 Faoilleach, aig aois 72.

Faisg air Omhanaich thogadh carragh-cuimhne dha, crois Cheilteach mu fhichead troigh a dh'àird. Snaighte air tha na facail bho 1 Rìgh 4, 33:

"Labhair e air craobhan, on chrann-seudair a tha ann an Lebanon, eadhon gu ruig an hìosop a dh'fhàsas a-mach as a' bhalla; labhair e mar an ceudna air ainmhidhean, agus air eunlaith, agus air nithean a shnàigeas, agus air èisg."

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.