An Dotair Ailean Dòmhnallach

'S ann à Harrapul am paraiste an t-Srath san Eilean Sgitheanach a bha Ailean Dòmhnallach, Ailean Chrìsdein, mar a chante ris. Duine mòr a bha ann agus b' e daoine mòra a bh' anns ann teaghlach dham buineadh e. Sin a dh'fhàg gur e An Dotair Mòr a bh' aig daoine air.

Air a' phrògram Sgoil an Eòlais air BBC Radio nan Gàidheal air 21/12/93, dh'innis Eòin Dòmhnallach:

"Nuair a thàinig e dhan cheann seo dhen eilean an toiseach, tha cuimhne agam, 's e deise is briogais plus fours a bhiodh e a' cleachdadh. Cha robh e fad ann a' sheo nuair a thòisich e air cleachdadh an fhèilidh. Agus an uair sin a-riamh tuilleadh chan fhaca mi e, air Sàbaid no seachdain, gun a bhith a' cleachdadh an fhèilidh. Bha an t-fhèileadh air daonnan, 's falt brèagha liath air, agus e na dhuine tlachdmhor ri fhaicinn agus na dhuine tlachdmhor ri tachairt ris.

'S e a' Ghàidhlig a bha aig Ailean. Cha robh e a' bruidhinn facal Beurla nam b' urrainn dha, agus bhiodh e an còmhnaidh a' crac ri daoine mu ghnothaichean a bhuineadh dhan àite, 's dhan Eilean, agus bha e a' sealltainn cho measail sa bha e air a dhualchas."

Bha an Dotair Mòr cuideachd na dheagh phìobaire agus bha cuimhne aig Iain MacCoinnich air na leasain a fhuair e bhuaidhe, leasain nach robh e daonnan ag iarraidh:

"Bhiodh e an còmhnaidh na sheasamh a muigh a' watchadh, gu h-àraidh as t-samhradh, agus bhiodh e air cùl a' hedge, 's nuair a bhithinn-sa a' dol seachad leis a' bhaidhsagal dh'fheuchainn ri faighinn seachad gun fhios dha. Bhiodh e ag èigheach orm 's bhithinn ann a' shin gu oidhche, 's chan fhaigheadh tu faisg air football na càil eile."

Fad iomadh bliadhna an dèidh sin bha Iain MacCoinnich a' cluich pìob-chiùil shònraichte a thug an Dotair Mòr dha, aon de chòig a chaidh a dhèanamh airson an Empire Exhibition an Glaschu ann an 1938.

Bha Ailean Dòmhnallach tric a' tadhal air Catrìona Dhùghlas a bha a' cruinneachadh agus a' sgrìobhadh òrain. Sin far am biodh Eòin Dòmhnallach tric ga fhaicinn.

"Bha ise a' dèanamh mòran cruinneachadh air seann òrain 's bhiodh Ailean 's i fhèin mar gun canadh tu a' swap cheathramhan 's a' cur an cinn còmhla mu thimcheall fuinn is gnothaichean mar sin."

Bha Seonag NicLeòid, a fhuair Bonn Òr a' Chomuinn ann an 1957, na nurs ag obair còmhla ris aig aon àm, agus dh'fhàg i an dealbh seo dhen Dotair Ailean:

"'S e duine laghach a bh' ann, duine èibhinn, toilichte, ach 's e cho ceòlmhor 's a bha e! Bhiodh na meòirean ag obair mar gum biodh e a' cluich an fheadain nuair a bhiodh e na shuidhe a' feitheamh ri cuideigin a thoirt a-staigh dhan t-saoghal. Ach bha e math air a' sin. Bha e math dha-rìribh air coimhead às dèidh màthraichean is leanabain.

Bha òrain aige nach cuala mi roimhe. 'Chaidh mo Dhonnchadh Dhan Bheinn', 's ann aige a chuala mi e an toiseach, is puirt cuideachd, feadhainn nach cuala mi roimhe"

Chan eil duine a dh'èisteas ri na clàraidhean den Dotair Ailean Dòmhnallach nach aontaich ri Eòin Dòmhnallach nuair a thuirt e:

"Bha mi measail air a ghuth chiùin, shocair, cheòlmhor a bh' aige. Bha ceòl anabarrach as a' ghuth aig Ailean is chuireadh e loinn mhòr air seinn nan seann òran Sgitheanach."

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.