Alma Kerr

Alma Kerr

'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus càirdean a màthar do Chàrlabhagh.

Aig aois 18, nuair a bha i na h-oileanach ann an Colaiste Chnoc Iòrdan, ghabh i pàirt ann am farpais a' Bhuinn Òir agus bhuannaich i aig a' chiad oidhirp.

Chuir Alma bliadhnaichean seachad a' teagaisg ciùil ann an sgoiltean Leòdhais agus bha i ùine mhòr an lùib Còisir Gàidhlig Steòrnabhaigh agus Còisir Lacasdail an dèidh sin. Tha i air mòran de sheinneadairean Leòdhais a chuideachadh gu Bonn Òir a' Chomuinn a ghlèidheadh.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.