Alasdair Stiùbhart

Tha na facail aig A Mhàiri Bhòidheach 's a Mhàiri Ghaolach rin lorg anns an leabhar Co-chruinneachadh Taoghta de Shaothair nam Bard Gaelach, cruinneachadh de dh'òrain a chuir dà bhràthair, Alasdair agus Dòmhnall Stiùbhart, an clò ann an Dùn Èideann ann an 1804.

Chan eil mòran fiosrachaidh ri fhaotainn mu na bràithrean ach tha fios gu robh Alasdair Stiùbhart na mhaighstir-sgoile ann an Uibhist a' Tuath. A rèir coltais rugadh e sa bhliadhna 1764, agus chaochail e sa bhliadhna 1821.

Anns an leabhar tha an t-òran ri lorg fon tiotal "Òran gaoil, le duin' uasal àraid, do Mhaighdinn uasail san Eilean Fhada" ach chan eil guth ga thoirt cò ùghdair an òrain, ged tha fhios gur e Alasdair Stiùbhart a sgrìobh e.

Tha e coltach gur h-i "a' mhaighdeann uasal" Màiri, nighean leis an Urramach Ailean MacCuithein, a rugadh sa bhliadhna 1742 agus a chaidh a phòsadh mar mhinistear ri coitheanal Uibhist a Tuath sa bhliadhna 1770.

Rugadh Màiri ann an 1783, agus tha e coltach gun do thuit Alasdair Stiùbhart ann an gaol leatha nuair a bha e ag obair na thaoitear aig an teaghlach. Cha bhiodh i ach beagan is fichead nuair a chaidh an t-òran fhoillseachadh.

Tha Iain MacCoinnich, fear-deasachaidh an leabhair Sàr Obair nam Bàrd Gàidhealach, a' cumail a-mach gun do ghiorraich e beatha Alasdair Stiùbhairt nach d' fhuair e Màiri. Tha e ag ràdh "His attachment to her preyed so heavily on his mind that he sunk under it and was consigned to a premature grave."

Ach tha teagamh ann gu bheil seo idir fìor.

Ann an cruinneachadh nan Stiùbhartach, tha còrr air sia fichead pìos bàrdachd no òran, air an trusadh à iomadh ceàrnaidh den Ghàidhealtachd. Tha bàird ainmeil rin lorg ann, leithid Iain Lom, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh, Sìleas na Ceapaich, Iain Mac Ailein, Am Pìobaire Dall, An Ciaran Mabach, Rob Donn agus Uilleam Ros. Tha dòrlach de dhuain Oiseineach ann agus craiteachan math de dh'òrain gaoil, leithid 'Ho Mo Mhàiri Laghach', Mo Nighean Donn na Buaile, 'Mo Nighean Bhuidhe Bhàn, Nach Falbhadh tu Leam', Màiri Ghreannar, Fhir a' Bhàta agus Bidh Fonn Oirre Daonnan.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.