Alasdair MacFhearghais

Rugadh Alasdair MacFhearghais ann an Sruparsaig as na Hearadh air 14 Màrt, 1869

"Fhuair mi mo ghibht on Àrd Rìgh
'S mi nam naoidhean am broinn mo mhàthair
'S rugadh mi le spiorad bàrdachd
Gu bhith geàirdeach air mo theangaidh."

A rèir Ruaraidh Dòmhnallach, Ruaraidh Eòghainn, e fhèin à Cliubhar, 's e a' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal air 26/08/1986, b' e seo am freagairt a thug Alasdair MacFhearghais, Alasdair Iain 'ic Alasdair, Bàrd Chliubhair air taobh sear na Hearadh, do dh'fhear a dh'fhaighnich dha ciamar a thòisich e air òrain a dhèanamh.

Cha do phòs Alasdair a-riamh, agus bha e a' fuireach ann an taigh beag tughaidh còmhla ri phiuthar, seanmhair Raonaid NicLeòid a bha a' cuimhneachadh air, air BBC Radio nan Gàidheal air 26/08/1986:

"Duine àrd, cruaidh, dubh, dorcha. Falt dubh air, moustache mhòr air, fear de na moustaches mhòr a bh' ann o chionn fhada, 's iad air an toinneamh ann a' seo ris a' bheul. 'S e duine mòr, snog a bh' ann, duine tapaidh."

Agus thuirt i cuideachd mu dheidhinn:

"Duine ceart, onarach, dòigheil. Bha e cas gun teagamh, ach duine onarach."

Bha Bàrd Chliubhair na iasgair, ag obair an toiseach air bàta air an robh an Advance agus, nuair a dh'fhas i sin dona, air tèile air an robh Maggie Stewart. Feumaidh gur e duine làmhchair a bh' ann, oir bhiodh e cuideachd a' dèanamh rudan mar snàthadan-lìon agus putaichean le craiceann caorach.

Bha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh agus bha e measail air clann. Mar a chuimhnich Raonaid:

"Bha fios againn air The Battle of Stirling Bridge mas deach sinn dhan sgoil. Bhiodh e ga innse dhuinn. 1297! William Wallace agus Robert the Bruce! Bha e keen air na rudan sin."

Thòisich e ri bàrdachd 's e glè òg, a rèir Raonaid:

"A' chiad òran a rinn e, 's ann dha mhàthair. Chuir i don Tairbeart e dh'iarraidh message a choireigineach. 'S bha i a' dèanamh lite, 's dh'fhalbh e 's ruith e. 'S e duine mòr tapaidh a bh' ann.

Dh'fhalbh e chun an Tairbeart 's cha robh e an uair sin ach dà bhliadhna dheug. Agus bha e cho clever a' tilleadh dhachaigh 's nach do chreid i gu robh e air an Tairbeart, gun do sheall e a' rud a chuir i a dh'iarraidh, rud a bh' aige na phòcaid. Ach shlais i e mun do sheall e sin. Bha i a' smaoineachadh gur e na breugan a bha e ag innse, nach robh e air an Tairbeart idir.

Agus thòisich e a' dèanamh òran dhi ach chan eil sgeul air an t-òran sin an-diugh."

Na dhuine òg chaidh Alasdair a thogail dhan arm, agus bha e ann an Afraga aig àm Cogadh nam Boers.

Là na Sàbaid chiad mhèarrs thug sinn orra
A' dol a forum le òrdan seanaileir
Bha 'n fhuil 's i blàth anns na Gàidheil mhisneachail
Is ceòl na pìoba toirt inntinn cridheil dhaibh.

Thusa Chrùidsear 's tu dhùisg an cogadh seo
Cha chùm Pretoria beò gun chrochadh thu
Gheibh thu tìm ann am prìosan Bhonaparte
'S an St Helena gun teatha gun chofaidh ann.

Bidh sùil ri buaidh nuair a ghluaiseas Kitchener
Le iomadh còirneileir eòlach misneachail
Gum bi na nàimhdean gu teann gan crioslachadh
'S a' ruith gu luath mun tèid uaigh gun chist' orra.

Bha ainm an fhiadh-bheathaich riamh an Afraga
Bha leòmhann beachdach i fhèin ann, 's math-ghamhainn
Chan fhac a' Bhoer na leòn na fhearann e
Gu fac' e 'n Gàidheal le fhèileadh tartain ann.

Bha sgeulachd aig Raonaid mu Alasdair an Afraga:

"Ann an Afraga bha e air sentry, 's cha robh aige ri duine a leigeil seachad. 'S thàinig a' fear seo co-dhiù, agus 's e Lord Kitchener a bh' ann. Agus dh'iarr e seachad.

"No!" Agus, "Halt! Who goes there?"

'S bha Lord Kitchener airson a dhol seachad anyway. 'S rug Alasdair air 's chuir e an comhair a chùil dhan abhainn e. Bha abhainn faisg air, 's chuir e dhan abhainn e! Cha robh fios aige gur e Lord Kitchener a bh' ann. Agus chaidh a chuir dhan abhainn co-dhiù agus thàinig fear a mhuinntir Bheàrnaraigh na Hearadh far an robh e làrna-mhàireach 's thuirt e ris:

"Well" ars esan. "Am fear a chuir Lord Kitchener dhan abhainn a-raoir thathar a' dol ga chrochadh an-diugh."

Agus theab am bàrd bochd a dhol às a rian. Ach bha e rewarded airson a' rud a rinn e!"

Rinn Alasdair MacFhearghais òrain air iomadh cuspair. Mar eisimpleir, nuair a chaidh fearann a' mhachaire a thoirt air ais do chroitearan taobh sear na Hearadh:

Ged tha 'm machair brèagh' gu leòr
'S e cho còmhnard ri làr;
'S iomadh rud tha gann san stòr
A tha pailt anns na Bàigh.

Rinn e òrain air cuspairean leithid an dèideadh agus radain Afraga, na bàtaichean air an robh e ag iasgach, duilgheadas le bò a' breith, agus turas a chaidh e fhèin fo lannsa ann an Steòrnabhagh.

Mar a dh'innis Raonaid:

"Bhiodh an taigh làn a h-uile h-oidhche ach an cluinneadh iad ag òran e. 'S a h-uile duine riamh a' toirt unnsa tombaca dha ach an cluinneadh iad, 's gun dèanadh e... dhèanadh e rann ann am mionaid, dìreach seconds 's bha e a-mach aige mar gum bithinn-s' a' bruidhinn an-dràsta."

Bha Ruaraidh Eòghainn tric ann an cuideachd a' bhàird:

"Bha e uabhasach doirbh toirt air òran a ghabhail. Bha e math orra cuideachd. Ach nuair a thòisicheadh e, bha e coma cuin a sguireadh e."

Rinn Alasdair laoidhean agus dàin spioradail leithid Laoidh Aonghais Mhòir Sheonaidh cuideachd. Nuair a bha e a' fàilligeadh shamhlaich e e fhèin ri "seilcheag madainn samhraidh falbh gu fann air bhàrr an fheòir", 's thuirt e:

Bha mi uair cho aotrom ris an fhaoileig air a' chuan
'S tric a bha mi smaoineachadh nach tigeadh m' aois cho luath;
Ach tha mi nis air fàillneachadh 's mo chnàmhan air fàs truagh
Le rheumatis nam ghàirdeanan ged bu làidir iad aon uair.

Dh'fhàg Bàrd Chliubhair an rann seo airson a chur aig a cheann nuair a chaochaileadh e:

Fhir a leughas aig mo cheann
Thug Dia mi leis nuair thàinig m' àm;
'S cuimhnich gum bi thusa mar seo
Dh'aindeoin uaill no neart no moit.
Mur faigh thu Crìosd dha d' anam fèin
'S tu neach as truaighe bhios fon ghrèin;
Bidh Sàtan a' tighinn dhutsa dlùth
Gad tharraing sìos don t-sloc gun ghrunnd
Far nach dèan an teine cnàmh;
Cur d' earbs' an Dia mun tig am Bàs.

Chaochail e ann san t-Samhain 1947.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.