Alasdair M. MacNeacail (Billy an Fhiosaich)

Rugadh Alasdair M. MacNeacail, no Billy an Fhiosaich mar a chante ris, aig 13 Lìonal ann an sgìre Nis, Leòdhas, air 22 Dàmhair, 1870. Rugadh athair, air an robh an t-ainm Alasdair MacNeacail cuideachd, ann an Àsmaigearraidh air taobh siar Leòdhais ann an 1838 agus 's ann an dèidh dha tilleadh à Canada a chaidh e a Lìonal. Bha e pòsta aig Mairead Mhoireasdan a rugadh aig 7 Tàbost sa bhliadhna 1838 cuideachd, agus bha seachdnar chloinne aca, sianar bhalach agus aon nighean. Chuir còignear dhiubh seachad ùine an Canada no as na Stàitean Aonaichte agus dh'fhuirich triùir aca thall.

Bha Billy pòsta aig tè de mhuinntir an Acha Mhòir, Mòr NicAoidh, agus bha sianar chloinne aca - Màiri, Sìne, Nora, Sara, Wallace Bruce a bha na mhinisteir, agus Ailig Iain a fhuair an George Medal airson duine a shàbhaladh à itealan a chaidh na teine 's i feuchainn ri port-adhar Steòrnabhaigh fhàgail.

Chaidh Billy a Vermont ann an Ameireaga, mar a dh'innis Iain N MacLeòid a dheasaich Bàrdachd Leòdhais as an deach ceithir de na h-òrain aige fhoillseachadh ann an 1916:

"Na ghille òg, aig ochd bliadhna deug a dh'aois, sheòl e gu Ameireaga, agus thilg e a champ am measg Shasannach nan Stàitean Aonaichte, a' feitheamh ris an t-soirbheachadh a dh'fhaodadh cuibhle 'n fhortain a chur mun cuairt dha. Shoirbhich leis agus ann an ùine nach robh fada bha e na fhear-ceàirde sgileil agus acfhainneach, ach a dh'aindeoin gach nì mhothaich e nach robh an dùthaich san robh e tighinn ri shlàinte agus mar sin thàinig e dhachaigh gu taigh a bhreith is àraich."

Bha seo mu 1901 no 1902 agus thog Billy taigh fiodh agus bùth air an t-Sràid Àrd ann a' Sgiogarstaigh far a bheil Àireamh 27, taigh Dhòmhnaill na Rabaid an-diugh. B' e seo a' chiad bhùth a bh' as a' bhaile, ach bha e cuideachd a' leantainn a chiùird mar shaor.

Chaidh e a Bhancoubhar mu 1909-10 ach thill e air ais, an toiseach chun an Ach, agus an uair sin a Nis mu 1913. Thòisich e bùth eile ann an Sgiogarstaigh, beagan an iar air far a bheil Àireamh 11, Taigh Alasdair Eòradail, an-diugh. Nuair a smaoinich e nach robh a' bhùth faisg gu leòr air an rathad tha e coltach gun do chuir e an togalach air rollairean fiodha agus ghluais e e.

Ann an 1914 chaidh e a Ghlaschu agus cheannaich e càr Ford, leis am biodh e a' toirt còmhdhail do mharaichean agus saighdearan a bha a' falbh agus a' tighinn eadar Nis agus Steòrnabhagh.

B' ann air fear de na tursan seo a bha e, air a' chiad latha den Lùnastal 1915, nuair a chaidh a mharbhadh nuair a chaidh an càr far a' rathaid aig Loch Bharabhat. Bha e air ràdh gu robh e fhèin agus fear eile a' rèiseadh faic cò ruigeadh Steòrnabhagh an toiseach agus gun do bhuail càr an fhir eile ann an càr Billy 's e feuchainn ri faighinn seachad air.

A bharrachd air O Nach Àghmhor, a tha na sheòrsa de laoidh na sgìre aig iomadh Niseach, 's e 'An Tèid Thu Leam a Rìbhinn Mhaiseach' an t-òran eile a rinn Billy air a bheil daoine fhathast eòlach:

Chì thu 'n t-àite san deachaidh m' àrach
Mun do dh'fhàs mi gu bhith mòr;
Canaidh tu gur baile brèagha
Lìonal ann an Eilean Leòdhais.

Chì thu laoich as bòidhche snuadh ann
Bheireadh buaidh am blàir na h-Eòrp';
Chi thu maighdeannan gun ghruaim orr'
Gabhail dhuan a' luadh a' chlò.

Chi thu mòinteach, cnoc is gleann
Le feadain chaim nan deann gu òs;
Chi thu smeòrach air na geugaibh
Madainn Chèit' an Eilean Leòdhais.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.