Alasdair Grannd, Gleann Moireasdan

B' e Alasdair Grannd, Alasdair mac Iain Bhàin, a chante ris an t-saighdeir a rinn an t-òran seo. B' ann à Gleann Moireasdan a bha e, a rèir an Duanaire aig Dòmhnall Caimbeul Mac Mhuirich a chaidh a chlò-bhualadh an Dùn Èideann ann an 1868.

Bha Mac Mhuirich ag obair anns an Advocate's Library an Dun Èideann ach b' ann à Both Hunndainn ann a' Loch Abar a bha e, agus bhiodh e a' sgrìobhadh anns na h-irisean An Gàidheal agus an Celtic Magazine fon ainm Abrach. Thog e mòran de na h-òrain as an Duanaire bho bheul-aithris ann am Bràighe Loch Abair.

Tha dreach eile de Òran an t-Saighdeir ri lorg anns an òraid leis an tiotal Leaves From My Celtic Portfolio, a thug Uilleam MacCoinnich do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis air 19 Dùbhlachd, 1877.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.