Alasdair Dòmhnallach, Ceap Breatainn

Rugadh Alasdair Dòmhnallach, am mac bu shine a bh' aig a' bhàrd ainmeil Ailean a' Ridge Dòmhnallach agus a bhean Catrìona Nic a' Phearsain, ann an 1823.

Nuair a bha e mu cheithir bliadhna fichead dh'fhàg e Màbou airson a dhol a dh'fhuireach aig an Abhainn a Deas ann an Siorrachd Antigonish air tìr-mòr Alba Nuadh.

Rinn e grunn òrain a' moladh àite àraich. Tha aon dhiubh sin, 'Chì mi Bhuam', a rinn e air latha 's e coimhead à Ceap Sheòrais, thairis air Caolas Northumberland gu a sheann dachaigh am Màbou, ag ràdh:

'S e na thug mi dhith de m' rùn
Rinn mo dhùsgadh gu dàn,
'S gu bheil m' fharmad ris gach gnùis
Tha mu bhruaichibh a' tàmh.

Gu bheil togradh ann am inntinn
Bhith leibh mar a bha,
Ged tha fios agam 's cinnt
Ribh nach till mi gu bràth.

Anns an leabhar de bhàrdachd Ailean a' Ridge, As a' Bhràighe (University College of Cape Breton Press, 2004) a dheasaich Oighrig Rankin, tha e air innse gu robh Alasdair na dhuine aig an robh iomadh tàlant. B' e saor a bh' ann, ach bha e cuideachd na bhàrd agus na sheinneadair agus na fhìdhleir.

Thug e leis mòran den eòlas agus den fhiosrachadh a bha aig athair agus bhiodh e tric a' sgrìobhadh gu pàipearan ionadail leithid MacTalla agus an Casket. Chuir e cuideachd fiosrachadh gu Keith Tormod Dòmhnallach a chleachd e anns an dà leabhar The Gesto Collection (1895) agus The MacDonald Bards (1900).

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.