Alasdair Codona

Alasdair Codona

Rugadh agus thogadh Alasdair Codona ann an Glaschu. B' e athair a thog ùidh anns a' Ghàidhlig bho thùs agus dh'ionnsaich e Gàidhlig anns an àrd-sgoil. Leugh e ceòl ann an Oilthigh Obar Dheathain agus aig Ionad Ceòl na Cruinne ann an Oilthigh Luimnich an Èirinn. Thug e dòrlach bhliadhnaichean aig Sabhal Mòr Ostaig cuideachd.

An-diugh, tha Alasdair ag obair air a cheann fhèin mar thidsear cànain ann an Dùn Èideann, a' teagasg Gàidhlig do mhuinntir a' bhaile agus Beurla do choigrich a tha tighinn don bhaile. Bho àm gu àm, cluinnear e aig cèilidhean a' gabhail seann òrain Ghàidhlig neo fear dhe na h-òrain aige fhèin. Tha e gu math measail air ceòl na h-eaglaise, agus bidh e a' sgrìobhadh mun clàrsaich Ghàidhealaich air an làrach-lìn aige.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.