Alasdair Boidhd

Alasdair Boidhd

Rugadh Alasdair Boidhd aig 58 An Clachan Mòr, anns an Ìochdar, air 20 Dàmhair, 1889. B' e Eòghainn Dhòmhnaill Nìll a bhuineadh do Bharraigh a b' athair dhà, agus b' i Ciorstaidh NicDhòmhnaill, nighean Raghnaill Alasdair a mhàthair, agus bha dachaigh aca air fearann a h-athair-se.

Bho bha e na dhuine òg, bha Alasdair air a chuairteachadh le ceòl agus bha e follaiseach gu math tràth gur e pìobaire math a bhiodh ann. Bha a mhàthair math air seinn agus bha i gu h-àraidh math air tàlaidhean. Agus bha nàbaidhean ann bho na dh'ionnsaich e mòran cuideachd.

Bha Màiri NicIllFhialain, a bha a' fuireach an ath dhoras dhaibh, sònraichte math air puirt-à-beul agus dh'ionnsaich e òrain aig an robh ceangal ri ceòl mòr bho Anna NicDhòmhnaill, Anna a' Phìobaire, piuthar a mhàthar. Bhiodh ise a' seinn gun lasachadh nuair a bha i a' fighe agus a' fuaigheal.

Bha fèill mhòr air aig cuirmean sam bith a bha a' dol. Nuair a bhiodh luadh anns an sgìre bhiodh e daonnan an làthair airson na pìob a' chluiche aig an danns a bhiodh ann an dèidh an luaidh. Às aonais gealladh air dannsa, chanadh na caileagan ris an neach leis an robh an clò nach b' urrainn dhaibh a dhol a luadh. Mar sin bha feum tric air Alasdair agus a phìob. Bha e na thlachd mhòr dhà a bhith ag èisteachd ri Màiri NicAonghais agus Oighrig NicIllFhialain aig na cruinneachaidhean sin, agus chanadh e gur iadsan na seinneadairean a b' fheàrr a chuala e riamh a' gabhail òrain luaidh.

Bha Alasdair anns na Camshronaich anns a' Chogadh Mhòr agus bha an rèiseamaid anns an robh e anns an dà bhatal aig Loos, far an deach sgrios a dhèanamh air na saighdearan Breatannach. Bha a' 1914 Star, neo am Mons Star, mar a chanar rithe, bonn a choisinn saighdearan a bha anns a' Chogadh Mhòr, aige.

Theirear gur e fear de dhithis phìobairean Uibhisteach a shàbhail às na Camshronaich. B' e am fear eile, am bàrd, Dòmhnall Ruadh Phàislig, agus nuair a smaoinicheas sinn air an dìleab a dh'fhàg an dithis aca againn, gheibh sinn beagan tuigse air na chailleadh ri linn an sgrios a rinn an dà chogadh mhòr.

Dh'fhàg Alasdair Uibhist mu 1920 agus chaidh e a dh'fhuireach dhan Òban. Bha e ag obair an toiseach aig tuathanach, fear Caimbeul Barron, agus airson ùine mhòr an dèidh sin aig Comhairle a' Bhaile an sàs gu h-àraidh ann an obair gàirnealaireachd.

B' ann an dèidh a dhol dhan Òban a phòs Alasdair Màiri Churraidh, nighean Dhòmhnaill Iain Dhòmhnaill, 468 Taobh a Deas Loch Baghasdal. Bha triùir chloinne aca - Dòmhnall, Niall is Ceit.

Tha cuimhne aig a mhac Dòmhnall, nuair a thilleadh e fhèin dhan Oban a dhachaigh athair, 's a thigeadh Alasdair a-steach bho obair, 's gann a bhiodh e air suidhe sìos nuair a bhiodh e a' gabhail òran. Mar bu mhotha bh' annta de cheathramhan b' ann a b' fheàrr a bha iad a' còrdadh ri Alasdair. Bhiodh a bhean, Màiri, a' maoidheadh nuair a bha e am beachd a dhol gu cèilidh nach rachadh ise còmhla ris ma bha e a' dol a sheinn òrain le dusan ceathramh no barrachd.

Choisinn e cliù mar fhear-chiùil anns an Òban. Bha e na Mhàidsear Pìoba air còmhlan a' bhaile agus thòisich e còmhlan pìoba airson òigridh. Bha an teaghlach a' fuireach an toiseach aig 17 Airds Crescent agus mu dheireadh aig 21 Sràid Combie.

Bho 1953 agus 1970 chaidh còrr air trì fichead 's a deich de na h-òrain aige a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba. Chlàr am BBC òrain bhuaidhe cuideachd.

Chaochail Alasdair ann an Ospadal Dalintart anns an Òban, air 17 Samhain, 1970, aig aois ceithir fichead agus a h-aon.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.