Ailig MacNeacail (Ailig Nèill)

Rugadh is thogadh Ailig MacNeacail, Ailig Nèill, ann a' Stafainn timcheall air 1910/12. Coltach ri mòran de cho-aoisean chaidh e gu muir, ach dh'fhuirich e air tìr an dèidh dha pòsadh. Bha e ri croitearachd, a' cumail crodh is caoraich agus ag obair mar handyman aig Taigh-òsta Fhlòdaigearraidh.

Bha e anabarrach dèidheil air a bhith a' seinn, gu h-àraidh na h-òrain èibhinn aig Dòmhnall 'an Shomhairle, a bha càirdeach dha. Agus bha e dèidheil air an t-seinn aig Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain, 'N Eòsag, à Barraigh.

Bha mòran òrain aige a dh'ionnsaich e na òige san Eilean agus bha òrain eile aige leithid 'Oidhche Suirghe Oighre MhicLeòid' a dh'ionnsaich e bho Sgitheanach ris na thachair e nuair a thug e greis a' cìobaireachd san Eilean Dubh.

Bha fèill mhòr air aig cèilidhean agus bha e deònach a dhol a sheinn a dh'àite sam bith a chuireadh fios air. Nuair a bhiodh e 'n Glaschu, bhiodh e tric aig na cèilidhean ann a' Knightswood.

Tha sinn an comain Madge, nighean Ailig, airson an fhiosrachaidh seo.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.