Ailean 'Mòr' MacIlleMhoire

Tha sgoilearan a' smaoineachadh gum buin an t-òran seo do dheireadh an t-siathamh linn deug no toiseach na seachdamh linn deug. Bha e air a ràdh gun deach a dhèanamh le Ailean 'Mòr' MacIlleMhoire, Ailean Britheamh, ceannard nam Moireasdanaich, an teaghlach ainmeil a bha nam britheamhan ann a' Leòdhas.

Bha aimhreit ann aig an àm a thaobh cò bha gu bhith na cheann-cinnidh air Clann 'ic Leòid Leòdhais, agus bha e air a chur às leth nam Britheamhan gu robh làmh aca ann am bàs Thorcaill Dhuibh, a bha ag agairt còir air ceannardas Chloinn 'ic Leòid, ann an 1597.

B' e leth-bhràthair do Thorcaill Dubh a bha ann an Niall Odhar, a tha air ainmeachadh san òran. A rèir beul-aithris tha e ann am birlinn agus e an tòir air Ailean 'Mòr' MacIlleMhoire. Tha Ailean 'Mòr' e fhèin ann am birlinn cuideachd, 's e a' brosnachadh an sgiobair, Coinneach, gu dhol nas luaithe ach am faigh iad air teiche bho Niall Odhar.

Chaidh Niall Odhar a chrochadh mar spùinneadair ann a' Lìte sa bhliadhna 1613.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.