Ailean MacIllEathain

Ailean MacIllEathain

'S e Ailean a' Mhiseanaraidh a chanadh iad ri Ailean MacIllEathain (1890-1982) ann a' Siabost, am baile anns do dh'fhàs e suas. Ach cha b' ann an sin a bha an teaghlach an toiseach, mar a dh'innis Dòmhnall Dòmhnallach, a rugadh am Pàirce Shiaboist, is e a' bruidhinn air Ailean air BBC Radio nan Gàidheal:

"'S e Ailean bràthair mo mhàthair agus 's ann am Brù a bha an teaghlach, agus ghluais an teaghlach an uair sin suas a Shiabost. 'S e miseanaraidh a bha an athair Ailein, mo sheanair-sa, agus bha ochdnar san teaghlach, ceathrar bhalach agus ceathrar nighean agus bha triùir dhe na balaich a sheinneadh agus 's e Ailean a b' fheàrr dhen triùir.

Bha bràthair ann air an robh Dòmhnall. Bha esan an Grianaig cuideachd air a' phoilis, agus sheinneadh esan cuideachd. Agus am balach a b' òige, Seonaidh, dh'fhuirich e aig an taigh ann a' Siabost agus bhiodh esan a' seinn aig consairtean as an sgoil ann a' Siabost agus chluicheadh e a' phìob agus am meileòidian. Agus càil is àraide, cha robh duine dhe na peathraichean a sheinneadh, no co-dhiù a sheinneadh gu math."

An dèidh do dh'Ailean òg Sgoil Shiaboist fhàgail, chaidh e a Ghrianaig, far an do chuir e seachad an còrr de shaoghal.

"Dh'fhàg e an taigh nuair a bha e 15 bliadhna a dh'aois is chaidh e sìos a Ghrianaig mar a chaidh iomadach balach eile, 's a Ghlaschu. 'S e 'n t-adhbhar a chaidh e sìos a' sin, airson ceàird ionnsachadh, agus bha Ailean ag obair ann an gàrradh-iarainn ann an Grianaig. 'S ann ag obair le fiodh a bha e, pattern maker, a' gearradh fiodh 's a' dèanamh bogsaichean 's rudan dhan t-seòrsa sin airson iarann leaghte a dhòrtadh dha na bucais a bha seo, mar phàirt dhe na bàtaichean a bha iad a' togail."

Agus, na sheann aois, dh'innis Ailean fhèin mu bheatha an Grianaig, 's mu theaghlach, do Phàdraig Greumach à Borgh, Leòdhas:

"Fhuair mi mo bhith-beò le bhith ag obair aig a' cheàird sin airson còrr agus leth-cheud bliadhna. Tha facail anns a' Ghàidhlig a tha ag ràdh gur e obair beatha crìochnachadh agus gu dearbh tha sin fìor mu mo thimcheall-sa, a chionns gu bheil mise nise air mo làithean-cosnaidh a chrìochnachadh aig deireadh na h-Ògmhios sa bhliadhna, 1960. Tha triùir mhic de theaghlach agam, Iain Ailean, Aonghas agus Dòmhnall. Tha an triùir aca pòsta agus dithis mhac an urra aca, agus a-nise tha mise agus Peigi, mo bhean, nar n-aonar mar a thòisich sinn."

Aig aois 16 bhiodh Ailean a' seinn aig na cèilidhean ainmeil a bhiodh an Grianaig aig an àm sin. Bha e cuideachd a' seinn ann an Còisir Ghàidhlig Ghrianaig.

Choisinn e am Bonn Òr aig a' Mhòd Nàiseanta, ann an Dùn Omhainn, ann an 1930. Dh'innis Dòmhnall Dòmhnallach:

"Bha an teaghlach againn fhìn an uair sin gu math pròiseil gun d' fhuair e e, ach chan eil fhios agam dè bha a' choimhearsnachd a' smaoineachadh idir. Bha tòrr aca nach robh air a chluinntinn a' seinn."

Cha do mhair an suidheachadh sin fada. Bha Ailean am measg a' chiad fheadhainn a chuir an guth air clàr ann an Gàidhlig, agus bhiodh e tric air prògraman Gàidhlig a' BhBC, an dà chuid a' seinn agus a' gabhail pàirt ann an dealbhan-cluich is ann an sgeidseachan a bhiodh e fhèin agus Ceit Nic a' Bhreatnaich a' dèanamh suas eatorra. Bha buaidh mhòr aig na clàir air daoine, mar a bha cuimhne aig Dòmhnall Dòmhnallach:

"'S e chiad chuimhne th' agamsa a bhith ga chluinntinn nuair a thòisich na records a' tighinn, Beltona Records, agus bha gramafon againn fhìn, 's bhiodh sinn ag èisteachd ris. 'S bhiodh mo bhràthair a' falbh nan taighean leis a' ghramafon agus a' cluiche sin an ìre mhath fad na h-oidhche."

Ged a chuir Ailean seachad a bheatha an Grianaig, bhiodh e fhèin 's an teaghlach a' tilleadh a Phàirce Shiaboist a h-uile samhradh air làithean-saora, an còmhnaidh air èideadh san fhèileadh, rud a bha na annas aig an àm.

"Tha cuimhn' agam nuair a dheigheadh e a chèilidh a thaighean, can an-dràsta gun deigheadh e a thaigh feasgar, mu thrì uairean feasgar, thòisicheadh e seinn dhaibh son cur seachad na tìde. Agus bha e a' dèanamh sin as a h-uile taigh dhan deigheadh e."

Gu h-àraidh an dèidh a' chogaidh, bha fèill mhòr air Ailean aig cèilidhean agus consairtean an Glaschu, aig cruinneachaidhean Comann Leòdhais is na Hearadh agus an tallaichean leithid Overnewton. Nuair a bhiodh e san eilean as t-samhradh cha robh leisg air a dhol a sheinn aig cèilidhean ann a' Steòrnabhagh agus an àiteachan eile cuideachd:

"Bha aon bhliadhna ann, as t-samhradh, bha Ailean aig an taigh ann a' Siabost air làithean-saora, agus thurchair aig an aon àm gu robh Eàirdsidh Grannd ann a' Leòdhas cuideachd, bhon bhuineadh bean Eàirdsidh Grannd dhan Achadh Mhòr. Agus chaidh cuireadh a thoirt dhan dithis a thighinn a-nuas dhan a' hut ann a' Siabost.

Agus bha an t-àite cho làn 's a' chuid mhòr nan seasamh agus bha amhran às dèidh amhran, Eàrdsaidh Grannd, 's Ailean, fad na h-oidhche ann a' sin, 's cha chuala tu leithid a dh'fhuaim a-riamh na do bheatha. Shaoileadh tu gu robh ballachan a' hut air chrith."

Bhiodh Ailean cuideachd a' dèanamh beagan bàrdachd agus bhiodh e a' seinn òran a rinn e fhèin a' moladh bailtean taobh siar Leòdhais agus na daoine a bha fuireach annta:

'S thugainnibh leam, a chuideachd mo ghaoil,
O thugainnibh leam a dh'Eilean a' Fhraoich
Gheibh sibh ann fàilte, furan is aoibh
Bho gach bodach is cailleach san àite.

Nuair a chì iad sibh tighinn a-nuas air fàire
Tilgidh iad an cliabh, a' spaid is an gràp'
Thig iad nad choinneamh a chrathadh do làmh
A ghràidh, gun di don dùthaich.

'S bheir iad dhut biadh bhios fallain is làn
Bradan na linne agus adag sa bhàgh
Lit agus bainne, aran eòrn' agus càis'
Sgadan gu annlan buntàta.

Fad leth-cheud bliadhna bhiodh Ailean a' togail an fhuinn ann an Eaglais Shaor Ghrianaig. Cha robh e ach mìos gann air 91 nuair a chaochail e.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.