Ailean Mac a' Phì (Mac Aonghais)

A rèir an fhiosrachaidh a chruinnich Mairead Fay Shaw ann an Uibhist a Deas agus a dh'fhoillsich i anns an leabhar Folksongs and Folklore of South Uist, b' e fear Ailean Mac a' Phì, a bha fuireach ann a' Loch a' Chàrnain, a rinn an t-òran seo.

A' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal air 26/02/1991 dh'innis Ailean Currie, a bha a' fuireach ann an Loch a' Chàrnain, na leanas mu ùghdair an òrain, Ailean Mac Aonghais, no Ailean Morbhairneach mar a bh' aca air:

"Tha deagh chuimhne agam air Ailean Morbhairneach. Tha cuimhne agam nuair a bhàsaich e cuideachd a-staigh againne. Shiubhail e saoghal agus bha e a' gabhail òrain as gach àite, 's bha e math air seinn. Agus 's e dà uncle a chuala air consairt e ann an Glaschu agus sheinn e dà òran dhe na h-òrain a rinn e fhèin do Bheinn na Fadhla.

Agus chaidh iad a bhruidhinn ris an uair sin agus thàinig e còmhla riutha air holidays dhan taigh againn. Dh'fhalbh e còmhla riutha nuair a dh'fhalbh iad a-rithist, agus an ath trup a thàinig e, cha do dh'fhalbh e tuilleadh.

'S bha e dà bhliadhna deug a-staigh againn, agus 's ann an October 1912, 's ann a bhàsaich e.

'S e MacInnes an cinneadh ceart aige. Tha e air ainmeachadh air MacPhee air cinneadh na ciad mhnathadh, agus sin an dòigh às a bheil iad a' togail a' rud ceàrr. 'S e MacInnes an cinneadh ceart aige gun teagamh.

Agus bha e ann am Melbourne agus bha e na shnàmhaiche math, math. Agus chaidh fear de mhuinntir Ghlaschu a-mach às a' bhàta air an robh e agus fhuair iad heaving-line a chuir chun a' ghille agus chuir esan air dòigh e agus chaidh a thoirt don bhàta. Ach bha an fhairge dona agus man d' fhuair esan a' heaving-line a chuir thuige fhèin 's chunnaic e cnag a' dol seachad. Chuir e na achlais i 's nuair a fhuair e staigh dhan bhàta thuit a' chnag às achlais agus thug e leis a' chnag agus bha i air a' mhantlepiece a-staigh againne 's air a cuir air dòigh agus air a glanadh. 'S cha robh chridhe againne a dhol na còir, mi-fhìn 's da chousin 's sinn nar cnapaich bheag.

Bha e riamh airson gu rachadh a' chnag a chuir dhan chistidh aige a' latha bhàsaicheadh e agus chaidh sin.

'S cha robh sian nach robh e a' sgrìobhadh, agus bha mòran, mòran de leabhraichean aige bha e a' sgrìobhadh, agus chan eil cuimhne agamsa dè dh'èirich dhaibh. Agus bha cnoc an taobh shuas den taigh againne, agus nuair a bhiodh a' ghrian a' dol fodha, bhiodh e dol suas, 's bha e sgrìobhadh ghnothaichean ann an sin. Agus 's e cnoc beag Ailean Morbhairneach a bh' aca air chun an latha an-diugh.

Bha e seinn air consairtean an dèidh tighinn dhan taigh againne ann an Creag Goraidh agus chuir fear na hotel a bha sin, special airson a' ghiùlain aige a thoirt dhan chladh gun sian a ghabhail air a shon. Agus sin agaibh mar a dh'èirich dha a-staigh againne. Fìor dhuine gasta agus òranaiche math, math.

'S ann ainneamh, ainneamh a tha bàrd ceart suas ri seinn ach bha esan a' seinn as gach àite. Ghabhadh e dram, ach cha ghabhadh e ach aon dram.

'S bha bràthair dha air a robh Ùisdean. 'S e thug a-null e, 's e air job math fhaighinn dha ann an Aimearagaidh, ach man do ràinig esan a-null – cha robh an conveyance cho luath an uair sin - bha bhràthair air bàsachadh 's cha d' fhuair e obair idir. Ach bha e treis ann agus rinn e òrain ann a' shin cuideachd.

Rinn e òran is chan eil agam ach dìreach aon cheathramh dheth -

Na faighinn-sa mo shlàinte
Mu latha na Fèill Phàdraig
Dhèanainn beannachd fhàgail
Aig fàsaichean Astràilia.
O 's e mo ghaol-sa an dùthaich
O Gàidhealtachd nan stùcan
Far am biodh na fèidh sa bhùirich
Gam dhùsgadh sa chamhanaich."

Dh'innis Ailean Currie gu robh athair Ailean na gheamair as a' Mhorbhairne agus cuideachd co ris a bha Ailean Morbhairneach coltach:

"Bha 15 clach a chuideam ann. Duine mòr brèagha. Agus bha medal na dhà aige airson snàmh. Bha e na shnàmhaiche math. O fìor dhuine gasta. Bha meas mòr air as gach àite agus bha e a' gabhail òrain as a h-uile àite."

Agus dh'innis e mun oidhche a chaochail Ailean Morbhairneach:

"Feasgar bha mise dìreach shuas as a' rum, mi-fhìn 's an dà chousin dhomh, cnapaich, an oidhche a bhàsaich e.

Agus bha e uabhasach fhèin bochd agus dh'fhosgail a dhà shùil, agus bha m' athair na shuidhe ri thaobh 's thuirt e ris "A bheil thu sin, Anthony?"

"Tha" arsa m' athair. "Ciamar a tha sibh?"

Cha d' thuirt e guth ach dhùin e shùilean 's cha do dh'fhosgail e tuilleadh iad."

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.