Ailean Dòmhnallach

Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige)

'S ann à Gleann Ùige a tha Ailean Dòmhnallach agus thòisich e a' cluich na pìoba nuair a bha e naoi bliadhna a dh'aois. Fhuair e oideachadh an toiseach le Màidsear na Pìoba Iain MacCoinnich, Ceann Loch Chille Chiarain, agus pìobaireachd le Bob Nicol, Bealadair agus Ruaraidh Dòmhnallach, Uibhist a Deas. Am measg an iomadh duais a fhuair e ann an farpaisean, ghlèidh e an Clasp an Inbhir Nis dà thuras.

Ach ged a bhiodh e a' gabhail pàirt ann an farpaisean, rinn e mòran airson dòighean ùra agus diofraichte de chluich a thoirt a-steach do shaoghal nam pìobairean anns na 1970an agus na 1980an. Tha e air mòran rannsachadh a dhèanamh a thaobh ciamar a tha dòighean air ceòl mòr a chluich an-diugh eadar-dhealaichte bho na dòighean cluich a bh' ann aig toiseach na h- ochdamh linn deug.

Tha Ailean air 'The Moidart Collection' (A' Chiad Cheud), cruinneachadh de cheud port pìoba, sean agus ùr, a chur an clò agus tha e air dà CD a dhèanamh còmhla ris an t-seinneadair Maighread Stiùbhart.

Tha fèill air mar phìobaire, mar sheinneadair agus mar fhear-teagasg aig fèisean is sgoiltean air feadh an t-saoghail agus tha e a' teagasg aig Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba (an RSAMD) agus ann an Ionad na Pìobaireachd an Glaschu.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.