Ailean Dòmhnallach

Ailean Dòmhnallach

Rugadh Ailean Dòmhnallach ann a Ròthaisgil air iomall Dhùn Bheagain ann a 1933. Ghluais iad an uair sin a-steach a Dhùn Bheagain seach gu robh athair na phost agus bhanaichean-puist air tighinn.

Choinnich athair 's a' mhàthair nuair a bha an dithis ag obair aig oifis a' phuist ach chaochail a mhàthair 's gun i ach 40.

B' ann bho athair a dh'ionnsaich e a' chuid as motha de na h-òrain a th' aige. Bha deagh chuimhne aig athair agus chan fheumadh e ach òran a chluinntinn aon uair mus robh e aige. B' ann bhuaidhe a thog Ailean Soraidh Bhuam on an Eilean.

Chaidh Ailean do dh'Oilthigh Dhùn Èideann nuair a bha e ochd-deug agus, mar a thuirt e fhèin, cha robh càil air aire ach òl is ceòl is boireannaich is òrain Ghàidhlig. Cha robh e a' dèanamh cho math 's a bu chòir san oilthigh agus chaidh a thogail airson dà bhliadhna de Sheirbheis Nàiseanta. B' ann fhad 's a bha e a' dèanamh sin a thàinig atharrachadh spioradail air.

Chuir e crìoch air an MA aige ann a' 1963. Phòs e an uair sin Iseabail agus chaidh e a theagasg matamataig ann an Dalmellington. Bha ceathrar theaghlach aca fhad 's a bha iad an sin. An uair sin fhuair Ailean obair mar cheannard air Sgoil Stafainn, obair a chòrd gu mòr ris fad nan 17 bliadhna a bha e ann. Leig e seachad a dhreuchd ann an 1989 agus b' ann an uair sin a fhuair e ùine airson seinn agus farpaisean a' Mhòid.

Dh'fheuch e air Bonn Òr an t-Seann Nòis uair no dhà mus deach leis, aig aois 75, anns an Eaglais Bhreac ann an 2008. Fhuair e mòran cuideachaidh bho Annag Michie agus Eòin Dòmhnallach.

Tha Ailean air ùine a chuir seachad a rannsachadh òrain an Eilein Sgitheanaich nach robh riamh an clò.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.