Ùbhi Àbhi / Mac a' Phì

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu, còisir ghàidhlig steòrnabhaigh agus còisir òg ghàidhlig inbhir Àir.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu, còisir ghàidhlig steòrnabhaigh and còisir òg ghàidhlig inbhir Àir.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ùbhi àbhi, ùbhi àbhi, air do shlàinte Mhàiri 'n Dotair,
Ùbhi àbhi, ùbhi àbhi, siud ort fhèin a Mhàiri.

Dannsadh air na staidhrichean, aig banais rìomhach Màiri 'n Dotair;
Dannsadh air na staidhrichean aig banais rìomhach Màiri.

Bidh an t-òr a' gliongartaich aig banais rìomhach Màiri 'n Dotair;
Bidh an t-òr a' gliongartaich aig banais rìomhach Màiri.

Mac a' Phì cnag-shùileach, Ceann Loch a' Feòrain,
Mac a' Phì cnag-shùileach, Ceann Loch a' Feòrain,
Mac a' Phì cnag-shùileach, Ceann Loch a' Feòrain,
Goididh e na gobhair a th' air teadhair air a' mhòintich.

Stad a' Mhàiri bhanarach gus an gabh mi an t-òran,
Stad a' Mhàiri bhanarach gus an gabh mi an t-òran,
Stad a' Mhàiri bhanarach gus an gabh mi an t-òran,
Chan fhaod mi, chan fhaod mi 's na laoigh a' dol don eòrna.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.