Tom an t-Searraich

Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh Mac a' Ghobhainn agus air a sheinn le: Ailean MacIllEathain, còmhlan le innealan-ciùil, Murchadh Dòmhnallach (Wasp) agus murchadh macLeòid (Peairt).

This is a song written by: Ruaraidh Mac a' Ghobhainn and sung by: Ailean MacIllEathain, còmhlan le innealan-ciùil, Murchadh Dòmhnallach (Wasp) and murchadh macLeòid (Peairt).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Bha mi 'n tòir air tìr nam beann
'S iomadh sòlas fhuair mi ann;
Nuair bha mi air fòrladh thall
Chaidh mi dh'ionnsaigh Tom an t-Searraich.

Fhuair mi àirigh gheal mo ghràidh
Caoraich laigh innte len àl;
Chagailt a bha caomh is blàth
Bha i bàn fo fheur is bharran.

Tulach tiamhaidh cianail fàs
Am balla crìonadh sìos gu làr,
Cha robh sgiamh air gnìomh nan làmh,
Bha gach àrd-doras ri talamh.

Cha robh bainne fuar no blàth
Cha robh uachdar, cha robh càise
Am bliochd air triall is blian na àite
Anns an àirigh san robh 'm pailteas.

Cha robh ceòlradh, spòrs no fonn
Comann m' òige 's mo luchd-dàimh,
Chuireadh leòn is bròn air chall
'S clàr an inntinn mar an canach.

Dh'fhàg sin smuaireanach mo ghnùis
Bha mo ghruaidhean fliuch fo dhriùchd;
Thuit mi am bruadair ann am dhùisg
Thàinig mùchadh air mo shealladh.

Bha clacharan air leacan lom
Am both na feamainn os a cinn
Ri snagadaich cur cabhaig rium
Mar each fann ga chlaoidh le marcach.

Bha na slèibhtean air gach làimh
'G èigheach, "Cuige thrèig thu sinn?
B' aotrom laigheadh oirnn do bhuinn,
Ruith 's a' leum nan tonn nad bhalach."

Shiùbhlainn iad 's mo shùilean dall
Gun chairt-iùil ach tùr mo chinn;
Cha dèan lùchairtean nan Gall
An dùrachd thug mi dhaibh a sgaradh.

Ged a thrumaich orr' mo cheum
Dhaibh bu mhò chaidh mo spèis
Mar tha siubhail cùrs mo rèis
Tha e cur an cèill dhomh earail.

Tha mo chiabhag-sa ri innse
Ann an liath-fhalt oirre sgrìobht'
H-uile bliadhna tha dol rim aois
Gu bheil mi faomadh gu mo thoiseach.

Ri leantainn dlùth air cùl gach linn
A chuala 'n Guth 's tha 'n-diugh sa chill,
Cuairt mo shaoghail ruith gu ceann
Mar thèid tonn thar thonn gu cladach.

Ach 's e mo mhiann aig crìoch mo latha
Laighe sìos le mo chiad ghràdh
Ann an Lìonagaigh ri tàmh
Leabaidh bhàn ri sàil na mara.

Seinneadairean / Performers

Ailean MacIllEathain

Ailean MacIllEathain

'S e Ailean a' Mhiseanaraidh a chanadh iad ri Ailean MacIllEathain (1890-1982) ann a' Siabost, am baile anns do dh'fhàs e suas. Ach cha b' ...

Fiosrachadh air Ailean MacIllEathain / Learn more about Ailean MacIllEathain
Murchadh Dòmhnallach (Wasp)

Murchadh Dòmhnallach (Wasp)

Rugadh Murchadh Dòmhnallach, Murchadh Dhol no "Wasp" air an dara latha den Lunastal, 1947, ann an Siadar air taobh siar Leòdhais. Bha aona bhràthair aige, ...

Fiosrachadh air Murchadh Dòmhnallach (Wasp) / Learn more about Murchadh Dòmhnallach (Wasp)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.