Togarrach A Bhith Maille Ri Crìosd

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri Nic Mhuirich agus air a sheinn le: Iseabail Nic an t-Sagairt.

This is a song written by: Màiri Nic Mhuirich and sung by: Iseabail Nic an t-Sagairt.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha m' inntinn-s' an geall
A bhi thall air uisg' Iòrdain,
Mar ri Prionnsa na sìochaint,
B' e mo mhiann dol na chòmhdhail;
'S e cìobair an treud e
Bheir e fèin orra faicill;
As na h-eileanan cuainteach,
Ni e 'n cuairteachadh dhachaigh.

'S e an Ròs e o Shàron,
'S am Flùr e o Iesse,
'S e Gaisgeach Treubh Iùdah.
Cha chlaoidhear a neart-sa:
'S e àillteachd thar chàch
Thug mo ghràdh-sa cho mòr dha:
'S nuair bhios e às m' fhianais,
Bidh mi cianail ro-bhrònach.

Bidh mi dubhach 'ga iarraidh,
Os ìosal an còmhnaidh,
'S nuair chì mi na mhais' e
Bidh mi laiste le sòlas;
'S e m' àilleagan broillich,
'S e mo charaid 's m' fhear-pòst' e;
'S e mo bhràthair as sine
Tric is minig gam chòmhnadh.

'S e fear ghabhail mo leisgeil
'S a sheasamh mo chòrach;
A phaigheas m' uil' fhiachan,
'S nì mo dhìon bho gach dòrainn;
Am fad 's a bhios mi air thuras
Bheir e 'n cumantas lòn dhomh;
'S an uair a philleas mi dhachaidh
Cha bhi àirc aig a bhòrd-sa.

Tha mil is bainne an Canàan,
Ged tha 'n fhàsach-s' làn croisean;
'S iomadh bruthadh air sàilibh
'N neach as feàrr gheibh an t-aisig;
Bha a smachdan 's a thròcair,
O m' òige mu seach orm;
'S b' e bu chainnt dhaibh le chèile,
Mi a thrèigsinn a pheacaidh.

'S iad clann dìleas a chùmhnant
'S gèire sgiùrsas a shlat-sa;
Ach cha dealaich a chaoimhneas
A chaoidh riuth' rèir fhacail;
'S e trioblaid na fùirneis
'S a bheil e rùsgadh an seachrain:
Gus an iarr iad dheth thròcair
Gun leònadh dha cheartas.

Chum 's gu faic iad an truaigh',
'S an gluasad gun fhaicill,
Thig an lagh gan deann-ruagadh
Às gach bruach an robh 'm fasgadh.
'N uair nì chogais dùsgadh
Le sgrùdadh geur-bheachdail,
Nì i mach dhiubh bhi caillte
Mar tionndaidh iad dhachaidh.

'N uair bha mi am reubal
'S e fèin a rinn iochd orm;
'S rinn mo philleadh le tròcair
Bho shligh' dhòrainn 'n lèir-sgriosaidh,
Mar amhailt à grìosaich,
A spìon e mi thairis
Bharr chrìochan an nàmhaid
Gu fàrdach a chlanna.

Tha cuibhleachan ùine
Gu dlùth a' dol seachad:
Dèan mo sgeadachadh sgiamhach
An aodach iasaid a ghaisgich;
Anns am faigh mi a bheannachd,
A cheannnaich e daor dhomh;
Cha b' ann le nì truaillidh.
Ach fhuil uasal ga taomadh.

Dh'ath-nuadhaich e chùmhnant,
Is dhùbail e ghealladh;
'S e Caiptean mo shlàint' e,
Bheir le gràs mi na choinneamh;
Tha gach latha mar bhliadhna
Gus an crìochnaich mi m' astar
Gus am bi mi na fhianais
Tro shìorraidheachd cuir beachd air.

Rinn Simeon sòlas nuair
Fhuair e òg e na ghlacaibh;
Is le irioslachd dh'iarr e
Comas triall 's a dhol dachaigh;
As a b' fhad bha mi 'g earbsa,
Tha mo shùil dearbhta ga fhaicinn -
Slàinte Dhè do chloinn daoine,
Chaidh fada thaobh uaith' air seachran.

Seinneadairean / Performers

Iseabail Nic an t-Sagairt

Iseabail Nic an t-Sagairt

Rugadh agus thogadh Iseabail Nic an t-Sagairt ann an Ìle, air fearann an teaghlaich aig Ceann Tràigh, san ...

Fiosrachadh air Iseabail Nic an t-Sagairt / Learn more about Iseabail Nic an t-Sagairt

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.