Tìr nan Òg

Òran air a sgrìobhadh le: coinneach macLeòid agus air a sheinn le: Anna Mhoireach, anna mhoireach agus Iain Murchadh Moireasdan.

This is a song written by: coinneach macLeòid and sung by: Anna Mhoireach, anna mhoireach and Iain Murchadh Moireasdan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gàir nan tonn gur trom an nuallan
Seirm am chluais do ghlòir,
Dàn nam beann, gach allt is fuaran
Siaradh nuas led cheòl.

'S tu gach latha gun tàmh mo bhuaireadh,
D' iargain bhuan gam leòn,
'S tu gach oidhche chaoidh mo bhruadar
O Thìr nan Òg.

Bàs no bròn cha bheò nad loinn-thìr,
Ùir air foill 's air gò,
Sàir sìor òl do dheò 's do chaoimhneis,
Aoibhneas snàmh 's na neòil.

Reultan àrda latha 's a dh'oidhche
Boillsgeadh sèimh tro cheò,
Teudan tlàtha' fàs ad choilltean,
O Thìr nan Òg.

Cùl nan tonn tha long mo bhruadair
Fuaradh mar bu nòs,
Rùn an Dàin a ghnàth ga gluasad
Ciùin le luaths an eòin.

Iùbhraich Bhàin na fàg mim thruaghan
Taobh nan cuantan mòr,
Doimhne cràidh is gràidh gam dhuanadh
Gu Tìr nan Òg.

Seinneadairean / Performers

Anna Mhoireach

Anna Mhoireach

Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pàrantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, ...

Fiosrachadh air Anna Mhoireach / Learn more about Anna Mhoireach
Iain Murchadh Moireasdan

Iain Murchadh Moireasdan

Rugadh Iain Murchadh Moireasdan, John Murdo Dhànaidh Mhurchaidh a' Chlachair air an Tairbeart, anns Na Hearadh, ann an ...

Fiosrachadh air Iain Murchadh Moireasdan / Learn more about Iain Murchadh Moireasdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.