Tìr nam Beann Àrd (Togaibh Fonn air an Fhonn)

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacGriogair (Lieutenant Colonel) agus air a sheinn le: Calum MacArtair, Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, còisir (Inbhich) agus seumas mac an t-Sagairt.

This is a song written by: Iain MacGriogair (Lieutenant Colonel) and sung by: Calum MacArtair, Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, còisir (Inbhich) and seumas mac an t-Sagairt.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Togaibh fonn air an fhonn a bha calm' agus cruaidh,
Am fonn thar gach fonn feadh an t-saoghail thug buaidh,
'S do dhùthaich nam beann anns gach cruadal is càs,
Air cuan no air tìr, bidh sinn dìleas gu bàs.
Tìr nam beann àrd.

Air dhomh-sa bhith sgìth anns na h-Innseachan cèin
Is m' fheòil air a pianadh le dian theas na grèin',
Gur tric ann am inntinn thig muinntir mo chridh'
Is tìr nam beann àrd anns na dh'àraicheadh mi.
Tìr nam beann àrd.

Ged shiùbhlainn an saoghal feadh aonach is fonn,
Ged sheòlainn gach àite feadh bhàrcaich nan tonn,
Ged thriallainn gach gleann agus beann tha fon ghrèin'
'S i 'n tìr a rinn m' àrach is àillidh leam fèin.
Tìr nam beann àrd.

Nuair dh'èireadh na Gàidheil le chèil' as gach gleann,
'S a thòisicheadh bualadh is sguabadh nan lann,
Cha d' fhuaireadh an nàimhdean bho làithean bho thùs
Nach sgapadh, nach sgàineadh, 's nach fàgadh an lùths.
Tìr nam beann àrd.

'S nuair shèideadh a' phìob ann an cluasaibh nan laoch
Cur cuimhne gu deònach air mòinteach an fhraoich,
Gun èireadh gach inntinn ri cluinntinn a' chiùil,
A chuala na beanntan 's gach àm chaidh air chùl.
Tìr nam beann àrd.

Gur prìseil an dìleab a shealbhaich na suinn
Fuil chraobhach an sinnsir bu rìomhaiche loinn,
An cànan cho uasal 's a chualas a riamh,
Is trusgan an fhèilidh dom b' èibhinne sgiamh
Tìr nam beann àrd.

Bho chian anns gach gàbhadh 's gach àite fon ghrèin
Bu dual do na Gàidheil a-riamh a bhith treun,
Oir b' fheàrr leo am bàs na bhith strìochdadh do nàmh,
Is sìnte san uaigh a bhith suaineach nan tàmh.
Tìr nam beann àrd.

Mar sin cuiribh fàilte, cuiribh fàilt' air gach aon
Den t-sluagh dom bu dual a bhith cruaidh agus caoin,
'S a chaoidh bidh sinn caomh agus coibhneil ri chèil'
Mar dhream nach robh riamh do na nàimhdean fo ghèill.
Tìr nam beann àrd.

Seinneadairean / Performers

Calum MacArtair

Rugadh Calum MacArtair ann a' Steòrnabhagh air 15 Màrt 1940. B' e càraid a bh' ann fhèin is a bhràthair Coinneach. Bha an athair bhon ...

Fiosrachadh air Calum MacArtair / Learn more about Calum MacArtair

Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Chaidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gàidhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.