Tìr an Airm

Òran air a sgrìobhadh le: Calum is Ruaraidh Dòmhnallach agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis.

This is a song written by: Calum is Ruaraidh Dòmhnallach and sung by: Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis.

Facail an Òrain / Song Lyrics

An tèid thu leam a rìbhinn òg
Gu tìr mo ghràidh sìtheil sona
'S chì thu saighdearan a' ruith
Am measg nan lusan brèagh' sa mhonadh.

Sèist / Chorus

Ho ro horainn o
Fàilte gu tìr an airm
Ho ro horainn o.

A' coimhead a-mach air madainn chiùin
Air bàll mòr cruinn os cionn na beinne
'S bhon 's os cionn na tonnan gorm
Tha ceòl ùr aig ceòl na mara.

'S an tèid thu leam gu tìr mo ghràidh
Seall na h-eòin dhorcha dhona
Treabhadh speuran os ar cionn
Dèanamh air Steòrnabhagh le cabhaig.

Nis leugh d' eachdraidh, fosgail sùil
Anns gach linn mu dhòigh an airm
Stampadh air nan croitean seagail
'S beathannan òg aig gillean Uibhist.

Cha tèid mise gu an rìgh
Cha tèid mise an còrr a shabaid
O Lunnainn mheallt, a Bhreatainn fhoilleil
Cha seas mi ach son sìth nan eilean.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an leabhar Flower of the West – The Runrig Songbook air fhoillseachadh le Ridge Books, Obar Dheathain, 2000.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis

Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis

Bha còisir à Inbhir Nis am measg a' chiad fheadhainn a choisinn urram ann an co-fharpais MhicShimidh is Mhorair Thulaich Bhàrdainn aig a' Mhòd Nàiseanta. ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis / Learn more about Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.