Tilleadh Dhachaigh

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna) agus air a sheinn le: niall fearghastan.

This is a song written by: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna) and sung by: niall fearghastan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Fhir a shiùbhlas thar a' chuan
Gu Uibhist Tuath thar sàil
Gu tìr nam beann as àille snuadh
Gu tìr nam bruach 's nam bàgh
Gu tìr nam fiadh, nan gèadh 's nan naosg
Far an robh mi maoth nam phàist'
Gu tìr nan siad nach fiamh ron aog
Le faobhar anns a' bhlàr.

Innis dhaibh gu bheil mo chridh'
Air feadh nan glinn gach latha
A' dìreadh bheann is allt gun sgìos
G' eil m' aigne fhìn gun tàmh
Nam faodainn dh'fhàgainn frìth nan craobh
'S bhiodh caochladh air gach càil
An tuagh 's an sàbh a chur a thaobh
Gun fhaobhrachadh gu bràth.

Is ged tha 'n oidhche reòdhte cruaidh
Le fuachd is cathadh-làir
Gum b' e mo mhiann bhith dìreadh suas
Ri gualainn an t-Sròim Bàin
Gu sìninn ceum gu sunndach bhuam
Is dhèanainn duanag dha
'S a-staigh gu Breidhinis nam buadh
Gu fuaighinn e san dàn.

Ach tha mi 'n dùil ma bhios mi buan
Gun tig an uair nas fheàrr
'S gun dèan mi seòladh thar a' chuan
'S gu faic mi bhuam sibh fhathast
Na cnuic 's nan glinn 's gach sìdhean fuar
Na h-uamhannan 's na càirn
Far 'm faic mi pàirt de luchd mo luaidh
Is uaighean luchd mo ghràidh.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.