Thogainn Fonn Mo Leannain

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig an tairbeart agus còisir ghàidhlig obar pheallaidh.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir ghàidhlig an tairbeart and còisir ghàidhlig obar pheallaidh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Co-dhiù thogainn fonn mo leannain
Anns gach àit' san ruig mi cala;
Co-dhiù thogainn fonn mo leannain.

Ho ro hi mo ghaol a' ghruagach
Dh'àraicheadh an tìr nam fuar-bheann;
Ach nam biodh tu nochd rim ghuallain,
Cha b' e gruaimean bhiodh air m' aire.

Tha do ghruaidhean mar na ròsan
Dh'fhàsas anns a' mhachair bhòidhich,
Bilean tana 's deud tha còmhnard,
Tha do phòg sìor bhlas na mealla.

Tha do shlios mar fhaoileig sàile,
Dhìreas ris na stùcan àrda,
'S truagh a-nochd nach mi bha làmh ri,
Nìghneag bhàn nam blàth-shùil meallach.

Nì mi nis an rann a dhùnadh
'S fhada leam gu ruith an ùine,
Gus an ruig mi fhìn an dùthaich,
Far na dh'fhàg mi rùn nan cailean.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.