Thig Trì Nithean Gun Iarraidh

Òran air a sgrìobhadh le: Nighean Fhir na Rèilig agus air a sheinn le: Carol Nic a' Bhreatannaich, Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig), Mairead NicDhonnchaidh, màiri nicFhionghain, Norma NicLeòid, Seasaidh NicChoinnich agus sheena nicChoinnich.

This is a song written by: Nighean Fhir na Rèilig and sung by: Carol Nic a' Bhreatannaich, Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig), Mairead NicDhonnchaidh, màiri nicFhionghain, Norma NicLeòid, Seasaidh NicChoinnich and sheena nicChoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Air fàillirinn ìllirinn ùilirinn ò-ho ro laoidh
'S cruaidh-fhortan gun fhios a chuir mise fo chuing do ghaoil.

Thig trì nithean gun iarraidh, an t-eagal, an t-eudach 's an gaol;
'S gur beag a chùis mhaslaidh ged ghlacadh leo mise air a h-aon,
'S a liuthad bean uasal a fhuaradh sa chiont an robh mi,
A thug a gaol fuadain air ro bheagan duaise ga chionn.

Fhir a dhìreas am bealach, beir soraidh don ghleannan fo thuath;
Is innis dom leannan gur maireann mo ghaol 's gur buan;
Fear eile cha ghabh mi, 's chan fhuiling mi idir a luaidh
Gus an dèan thu, ghaoil, m' àicheadh, cha chreid mi bho chàch gur fuath.

Fhir nan gorm shùilean meallach on ghleannan dem biodh an smùid,
Gam bheil a chaoin mhala mar chanach an t-slèibh fo dhriùchd;
Nuair readh tu air d' uilinn bhiodh fuil air fear dhìreadh nan stùc,
'S nam biodh tu, ghaoil, mar rium cha b' anaid an cèile leam thu.

'S na faicinn thu tighinn is fios dhomh gur tusa bhiodh ann
Gun èireadh mo chridhe mar aiteal na grèin thar nam beann;
'S gun tugainn mo bhriathar gach gaoisdean tha liath na mo cheann
Gum fàsadh iad buidhe, mar dhìthein am bruthaich nan allt.

Cha b' ann airson beairteis no idir ro phailteas na sprèidh;
Cha b' fhear do shìol bhodach bha m' osnaich cho trom à dhèidh.
Ach mhac an duine uasail fhuair buaidh air an dùthaich gu lèir;
Ge do bhitheamaid falamh tha caraid a chitheadh oirnn feum.

Mur tig thu fèin tuilleadh gur aithne dhomh mhalairt a th' ann
Nach eil mi cho beairteach ri cailin an achaidh ud thall.
Cha tugainn mo mhisneachd, mo ghliocas is grinneas mo làimh
Air buaile chrodh ballach is cailin gun iùil nan ceann.

Ma chaidh thu orm seachad gur taitneach, neo-thuisleach, mo chliù;
Cha d' rinn mi riut comann 's cha d' laigh mi leat riamh ann an cùil.
Chan fhairichinn arachd do dhuine chuir ad air a chrùn;
On tha mi cho beachdail 's gun smachdaich mi gaol nach fiù.

Bu lughaid mo thàmailt nam b' airidh nì b' fheàrr a bhiodh ann;
Ach dubh-chail' a' bhuacair nuair ghlacas i buarach na làimh.
Nuair thig an droch earrach 's a chaillear an nì ann sa ghleann;
Bitheas is' air an t-shiulaid gun tuille dheth bunaltas ann.

Esan ga freagairt:
'S truagh nach robh mi 's mo leannan sa chrannaig air stiùireadh le gaoith,
No 'm bùthaig bhig bharraich aig iomall a' ghleannain leinn fhìn,
No 'n Lochlainn an daraich ri taobh na mara fo thuinn,
Gun chuimhn' air a' chailin a dh'fhàg mi air àirigh chruidh-laoigh!

Seinneadairean / Performers

Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig)

Tha cuimhne aig gu leòr an Uibhist fhathast air Ceit NicNeacail, Ceit Phàdraig Mhòir. Bhiodh i a' seinn, gun sguir cha mhòr, aig bainnsean, a-staigh ...

Fiosrachadh air Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig) / Learn more about Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig)
Carol Nic a' Bhreatannaich

Carol Nic a' Bhreatannaich

Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...

Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' Bhreatannaich
Norma NicLeòid

Norma NicLeòid

Rugadh agus thogadh Norma NicLeòid ann an Loch Croistean, an sgìre Ùige Leòdhais, agus an-diugh tha i fhèin agus a cèile a' fuireach ann an ...

Fiosrachadh air Norma NicLeòid / Learn more about Norma NicLeòid
Seasaidh NicChoinnich

Seasaidh NicChoinnich

Rugadh Seasaidh Anna NicAoidh NicChoinnich air 24 Samhain, 1918. B' i a b' òige den cheathrar theaghlach a bha aig Murchadh Choinnich Mhurchaidh agus a ...

Fiosrachadh air Seasaidh NicChoinnich / Learn more about Seasaidh NicChoinnich

Mairead NicDhonnchaidh

Rugadh Mairead NicDhonnchaidh air 19 Ògmhios, 1888, ann an Gleann MhicAoidh, mu dhà mhìle gu leth bho Phort na h-Abhainne, ann an ...

Fiosrachadh air Mairead NicDhonnchaidh / Learn more about Mairead NicDhonnchaidh

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.