Tha Smeòrach sa Mhadainn Chiùin

Òran air a sgrìobhadh le: niall mac ille sheathanaich agus air a sheinn le: seinn càraid agus vicki nicFhearghais.

This is a song written by: niall mac ille sheathanaich and sung by: seinn càraid and vicki nicFhearghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Tha smeòrach sa mhadainn chiùin
Binn, binn a' ceilearadh,
Tha smeòrach sa mhadainn chiùin
Ge b' e cò a chluinneadh i.

Air madainn mhoich san doire dhlùth
Lusan 's flùrain lurach innt',
Ach 's annsa leam-sa seirm a' chiùil
'S eun mo rùin toirt luinneig dhomh.

O, seinnidh druid am bun nan stùc,
Goiridh smùdan 's cuthag ann.
Ach 's grinne leam na aon den triùir,
Smeòrach bheag a' bhinne-ghuth.

Tha ceilear smeòil air ògan cùil,
Moch is drùchd air duilleagan,
A' dùsgadh m' aigne-sa gu sunnd,
Gur cruit-chiùil na cruinne i.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.