Tha Sgìre Shnigheasort Fo Bhròn (Marbhrann Mgr Ruaraidh)

Òran air a sgrìobhadh le: gilleasbaig caimbeul agus air a sheinn le: Murchadh Mac a' Phearsain.

This is a song written by: gilleasbaig caimbeul and sung by: Murchadh Mac a' Phearsain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha Sgìre Shnigheasort fo bhròn,
Chan iongnadh 's mòr a chaill i
Chaill i ceannard 's a robh 'n dòigh
'S a lochran anns an oidhche;
Chaill i Bhuachaill 's a robh iùil
'S bha ùghdarras mar cheannard
'S na h-uile ceum a rinn e fhalbh
Toirt dearbhadh air mo chainnt-sa.

'S fad a dh'fhan sinn na ur tàmh
Ag èisteachd gàir nan alltan
An dùthaich Bhàbailion an sàs
Air clàrsaichean gun srann ac';
Air geugan seilich crochte suas
Cha chluinnear fuaim nur camp'
Ach caoidh is bròn, na laigh fon fhòd
'S nach pill nas mò dar n-ionnsaidh.

Tha sinn a' caoidh na laigh san uaigh
'S ann bhuain tha 'n t-adhbhar ionndrainn
'S e Maighstir Ruaraidh ceann nam buadh
Nuair reigheadh e suas don chùbaid.
Bhiodh osna throm bho ghrunnd a chlèibh
Is staid a threud ga chiùrradh
E ga faicinn ann a' sàs
Fo chumhachd bàis gun dùsgadh.

Ged a rinn sinn luaidh air d' ainm
A thaobh do dhealbh 's do mhòrachd
Cha do dh'èirich na ur latha
Na lìonadh d' àite-còmhnadh
A thaobh do ghliocais is do rian
Do Dhiadhachd agus d' eòlas
Bha thu nad eisimpleir don treud
'S na h-uile ceum sa chòmhnard.

Na lìonas d' àite dhuinn cha d' fhuair
'S cha dual dhuinn fad 's is beò sinn
Bha thu bàidheil ris a' chloinn
'S nad shaighdeir far 'm bu chòir dhut;
'S an dream rinn ceangal riut le gràdh
Nad dhèidh tha cràiteach brònach,
A' caoidh an-diugh nach robh thu ann
Bhon theann iad ris a' chòmhstri.

'S truagh nach tuiteadh talainn gaol
Air aon a thig nad àite
Tomhas mòr de spiorad Dhè
Le ciall 's le tuigse nàdair
A dhèanadh dìon dhuinn nar linn
Don dìlleachdan a dh'fhàg thu
'S i 'n-diugh a' caoidh 's i dol mun cuairt
Mar uan a chaill a mhàthair.

Tha thu nis nad sholas làn
Aig fois nad àite-còmhnaidh
Do phailm 's do chlàrsach nad làmh
'S tu seinn gu binn an òrain
Don Tì rinn sagart dhìot is Rìgh
'S a dh'ionnlaid bhuat an neò-ghlan
'S a shiab na deòir bha fo do shùil
'S a chuir an crùn le glòir ort.

Maighstir Ruaraidh

B' e Maighstir Ruaraidh, don rinneadh am marbhrann seo, ministeir cho cliùiteach sa bha an Alba as an naoidheamh linn deug.

Rugadh Ruaraidh MacLeòid ann an Snìosort, san Eilean Sgitheanach, ann an 1794. B' e athair, An t-Urramach Calum MacLeòid, ministeir na paraiste agus bha còignear mhac agus còignear nighean aige. B' e an t-Urramach Calum aon de na ciad ministearan soisgeulach taobh a-staigh clèir an Eilein Sgitheanaich, ged nach robh barail mòr sam bith aig Ruaraidh òg air. Bha e air a chuir às a leth gu d' thuirt e mu shearmon a rinn athair turas, "Thug thu gu leòr de bhrochan gun shalainn dhaibh an-diugh."

Chaidh Ruaraidh don sgoil an Dùn Bheagain agus an uair sin chaidh e do dh'Oilthigh Obar Dheathain far na cheumnaich e ann an 1815. Bha e air a ràdh gu robh dùil aige a dhol don arm ach, an àite sin, thòisich e air trèanadh airson ministrealachd Eaglais na h-Alba.

Fhuair e cead searmonachaidh san t-Sultain 1818 agus, as t-earrach an ath bhliadhna, chaidh e gu misean a bh' aig an Eaglais ann an Lianadail san Eilean Sgitheanach. Ann an 1824, fhuair e paraiste dha fhèin, Bràcadal, a bha bàn an dèidh bàs An Urramaich Iain Seathach à Siorrachd Pheairt.

Aig an àm seo tha e coltach gu robh danns agus òl bitheanta aig tiodhlacaidhean san Eilean agus cha robh leisg air MacLeòid an fhidheall a chluich aig a leithid.

Nuair a bha MacLeòid ann an Lianadail thàinig atharrachadh na bheatha ri linn leabhar a leugh e, True Religion Delineated, le Eòsaph Bellamy. Cha b' fhada gus an robhas a' coimhead air mar cheannard nan soisgeulaichean anns an Eilean.

San Dàmhair 1823, phòs e Anna NicDhonnchaidh NicDhòmhnaill, nighean Dòmhnallach Sgèaboist, pòsadh dòigheil. Bha trì duine deug a theaghlach aca, ach cha robh beò dhiubh sin ach ceathrar nuair a chaochail Mgr Ruaraidh fhèin.

Mun d' thàinig a' bhliadhna 1824 bha Mgr Ruaraidh am bogadh ann am buaireadh a mhaireadh iomadh bliadhna agus a bheireadh e gu aire Àrd Sheanadh na h-Eaglais agus mòr-shluagh na h-Alba. Bha e cho daingeann na bheachdan a thaobh nan Sàcramaidean 's gu robh e a' diùltadh baisteadh agus comanachadh do dhaoine nach robh na bheachd-san airidh, fiù 's daoine a bha air a bhith comanachadh ri linn mhinistearan eile.

Mar eisimpleir, nuair a bha Iain Seathach na mhinisteir sa pharaiste, bha mu 250 duine a' comanachadh ach aig a' chiad òrduighean a bh' ann an dèidh do MhacLeòid tighinn bha e air a ràdh gu robh cead comanachaidh air a thoirt do na bu lugha na deichnear.

Sa Ghearran, 1838, fhuair MacLeòid paraiste ùr, Snìosort, le iarraidh muinntir na sgìre, an dèidh dhan mhinisteir a bh' aca a dhol gu tìr-mòr.

Ri linn, chunnaic Mgr Ruaraidh trì dùsgaidhean soisgeulach san Eilean agus bha e fhèin aig teis mheadhan chùisean.

Bha e cuideachd aig Àrd Sheanadh ainmeil 1843 agus am measg nam ministearan a dh'fhàg airson Eaglais Shaor na h-Alba a stèidheachadh. Tha e ri fhaicinn san dealbh ainmeil a tha comharrachadh an latha. Dhe na 3,200 duine am paraiste Snìosort, lean 2,500 MacLeòid dhan Eaglais ùr.

Bha cruadal mòr a' feitheamh air cuid de na ministearan a chaidh dhan Eaglais Shaor. Cha robh eaglaisean no mansaichean aca, agus bha gu leòr de na h-uachdarain nach robh deònach fearann a thoirt dhaibh. Tha cunntas ann air Mgr Ruaraidh a' searmonachadh:

"...in the open air with the hailstones dancing on his forehead, the people wiping away the snow before they could sit down, and when the shower was past not distinguished from the ground except by their faces."

Bha cuimhne aig Màiri Mhòr nan Òran air:

Nuair a chuimhnichinn Maighstir Ruaraidh
Le chòmhla uan 's chuid sluagh na chòdhail,
'S mi fhìn cho suaimhneach a' ruith mun cuairt daibh
'S an cnoc cho fuar dhomh ri stuaghan reòidhte.

Ann an 1846 chaidh Mgr Ruaraidh a Hiort agus gheall sluagh an eilein dha gum biodh iad dìleas don Eaglais Shaor.

Rinn Mgr Ruaraidh mòran cuideachd airson taic a chuir ri na sgoiltean Gàidhlig a bha ag ionnsachadh leughadh anns a' Ghàidhlig do shean agus òg. Agus tha cuimhne shònraichte air mar dhuine a sheas còraichean nan croitearan agus nan coitearan ann an strì an fhearainn. Bha e gu tur an aghaidh fuadaichean.

Bha e cuideachd an aghaidh deoch làidir, iomain agus tombaca.

Bha e na shearmonaiche barraichte, a bheireadh buaidh air coitheanalan mòra, mar a dh'innis Màiri Mhòr:

B' e siud an fhianais dhìleas
Nach do dhìobair riamh a threud;
Is e nach cuireadh clì iad
Le teagasg fiar gun bhrìgh ann
Ach mhìnicheadh e 'n Fhìrinn daibh
'S bu lìobh i tighinn o bheul,
'S gun innseadh e dhan chuid bhiodh clì
Am binne mar an ceudn'.

Anns an Iuchar 1863 tha e coltach gun do chruinnich 3,000 duine o gach ceàrn den Eilean Sgitheanach, agus na h-eileanan a bha dlùth, ga èisteachd, agus sin a dh'aindeoin 's gu robh mòran fhireannaich agus boireannaich air falbh às an Eilean aig an cosnadh. Goirid ron a sin bha e air a thaghadh mar Mhoderàtor Àrd Sheanadh na h-Eaglaise.

Mus tàinig a' bhliadhna 1867, bha Maighstir Ruaraidh na bhantraich agus bha naoinear den teaghlach aige air bàsachadh.

Chaochail e fhèin air 20 Màrt, 1868, agus rinn Gilleasbaig Caimbeul, a bha na èildear san Eaglais Shaor an Snigheasort, marbhrann dha, a tha tòiseachadh le na briathran:

Tha sgìre Shnigheasort fo bhròn
Chan iongnadh, 's mòr a chaill i
Chaill i ceannard san robh 'n dòigh
'S a lòchran anns an oidhche.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Gheibhear eachdraidh beatha Mgr Ruaraidh anns an leabhar The life and Work of the Very Rev. Roderick Macleod of Snizort, Skye le Dòmhnall MacGillÌosa, 1969. Tha iomradh air a bheatha cuideachd anns an òraid a thug an t-Urramach Ruaraidh MacLeòid do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis air 21 Dàmhair, 1983, fon tiotal The Bishop of Skye (Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Leabhar LIII).

Seinneadairean / Performers

Murchadh Mac a' Phearsain

Rugadh Murchadh Mac a' Phearsain, Murchadh Thormoid, anns an Leth Allt, Stafainn, san Eilean Sgitheanach ann an 1907. A' mhòr-chuid dhen ùine bha e ri ...

Fiosrachadh air Murchadh Mac a' Phearsain / Learn more about Murchadh Mac a' Phearsain

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.