Tha Mo Rùn air a' Gille

Òran air a sgrìobhadh le: catrìona munn agus air a sheinn le: còisir bhun-sgoil àird-Driseig, gillian nicChoinnich agus Karen NicMhathain.

This is a song written by: catrìona munn and sung by: còisir bhun-sgoil àird-Driseig, gillian nicChoinnich and Karen NicMhathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Tha mo rùn air a' ghille,
'S e mo dhùrachd gun tig thu;
'S mi gun siùbhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar bheann.

Oidhche shamhraidh dhomh 's mim ònar,
Air mo ghaol-sa nì mi òran -
'S truagh, a Rìgh, nach robh mi pòst'
Air òigeir a' chùil dualaich.

O gur e mo cheist an t-òigeir,
Fear chuil duinn 's an leadain bhòidhich;
'S mi gun siùbhladh leat thar m' eòlais
Ged tha 'n còta ruadh ort.

Ged tha blàth na bric' ad aodann,
Cha do lughdaich siud mo ghaol ort;
'S mi gun siùbhladh leat an saoghal,
Nan saoilinn fhèin do bhuannachd.

Tha an Nollaig tighinn às ùr oirnn,
Ged a tha gur beag mo shùrd rithe;
M' fear nach fhàgadh mi sa chùil,
Air chùl nan garbh-thonn uaine!

'S beag a shaoil mi fhìn an-uiridh
Gun trèigeadh tusa mi cho buileach;
Mar gun tilgeadh craobh a duilleach
Dh'fhàs thu umam suarach.

Seinneadairean / Performers

Karen NicMhathain

Karen NicMhathain

'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghàidheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na ...

Fiosrachadh air Karen NicMhathain / Learn more about Karen NicMhathain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.