Tha Mo Bhreacan Fliuch Fon Dìle

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mairead NicGillEathain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Mairead NicGillEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha mo bhreacan-sa fon dìle
Chan fhaod mi innse mar tha e
Tha mo bhreacan-sa fon dìle.

Tha mo bhreacan air a mhilleadh
Aig na gillean as a' bhàta.

Tha mo bhreacan gu fliuch fuaraidh
Chan fhaod mi chur suas a-màireach.

'S mise a-màireach falbh a sheòladh
'S chan ann air m' eòlas a tha mi.

Dol a dh'eilean nan eun fiadhaich
'S nach tàinig gin riamh às sàbhailt'.

'S tha na h-ìghneagan nan gruam rium
On a chuir mi suas a' fàbhar.

Bonaid ghorm is ite pheucaig
Claidheamh is e fhèin gu spadadh.

Fhuair sinn òrdan o Rìgh Deòrs'
Bhith giùlan Seònaid 's còta sgàrlaid.

Gura mise tha fo mhì-ghean
'S Caiptein Tìm a' dol dhan bhàirlinn.

Air thoiseachd air luchd na Beurla
'S nach do dh'fhàg e "Dè mu Ghàidhlig?"

Ionnan sin is Còirneal Mitchell
Fear a-nis ach dha na Gàidheil.

Bheir mo bheannachd gu Port Royal
Far an òg ann fhuair mi m' àrach.

Far am faigheadh tu fiadh air fireach
Iasg air linnidh 's fir a b' òran.

Far am faicte crodh air bhuailtean
'S gruagaichean gan cur gu àirigh.

Ged a tha e follaiseach gun deach cuid de na ceathramhan a tha Mairead NicGillEathain a' seinn an dèanamh ann an Alba Nuadh, 's dòcha aig an àm a bha na Breatannaich agus na Frangaich ri cogadh an aghaidh a chèile an Canada, tha an t-òran cuideachd ri fhaighinn an diofar riochdan ann an Alba.

Ann an òraid do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis air 11 Dùbhlachd, 1981, mu sgìre an t-Srath san Eilean Sgitheanach, bha Niall MacFhionghain ag innse gu robh e air aithris gun d' rinneadh an t-òran seo le saighdear a bhuineadh do dh'Àird an t-Srath, a bha ann an iomadh batal thall-thairis. Bha e air a ràdh gun do thill e a chuideachadh a' Phrionnsa Teàrlach Èideard Stiùbhart, ach gum b' fheudar dha an rìoghachd fhàgail an dèidh Blàr Chùil Lodair agus gur ann mun àm sin a rinn e an t-òran le na facail a leanas:

Sèist / Chorus

Tha mo bhreacan fliuch fon dìle,
Chan fhaodar innse mar tha e,
Tha mo bhreacan fliuch fon dìle.

Tha mo bhreacan air a mhilleadh
Aig na gillean anns a' bhàta.

Tha mo bhreacan fliuch, fuaraidh,
Chan fhaod mi chuir suas a-màireach.

Tha na h-ìghneagan fo ghruaman
Bhon latha chuir mi suas am fàbhar.

Bhon latha chuir mi suas am fèileadh
Claidheamh is crios fèileadh seàirdeant.

Dol do eilean nam beann fiadhaich;
Cha robh duine riamh a' tàmh ann.

Tha mi màireach dol a sheòladh,
Chan ann de 'm chòrdadh a tha e.

Dol gu eilean nan eun dubha,
Cha bhi sinn subhach gu brath ann.

Anns an iris Gairm, Àireamh 56, Am Foghar 1966, tha na facail a leanas. Chaidh an toirt sìos leis "a' Bhean-uasal NicDhòmhnaill, Bòsta, Inecleit, Steòrnabhagh, agus a' nighean aice Hetty bho aithris na Mna-uasail NicRath a bha fad bhliadhnaichean air thaigheadas ann am Miabhaig Ùige, Leòdhas, agus a tha a nis a' fuireach an Inbhir Nis."

Sèist / Chorus

Tha mo bhreacan dubh fon dìle,
'S chan fhaod mi innse mar a tha e,
Tha mo bhreacan dubh fon dìle.

Tha mo bhreacan gu fliuch, salach,
'S chan urrainn dhomh fantainn ri fhàsgadh.

Tha mo bhreacan gu fliuch, fuaraidh,
'S chan urrainn dhomh chur suas a-màireach.

Tha mo bhreacan air a mhilleadh
Aig na gillean air a' mhàrcha.

Breacan bòidheach rìomhach, ròmhach,
Rinn na meòirean aig mo mhàthair.

'S iomadh oidhche fad a' gheamhraidh
A bha fonn aic' a' cur àird air.

Greis le cuigeal agus crùisgean
Ann an cùil a' dèanamh snàth dheth.

Fhuair i màdar à Dùn Èideann
Uain' à Èirinn agus gàrnait.

Fhuair i guirmean as na h-Innsean
Purpaidh Thìris agus sgàrlaid.

Mheasgaich i iad uile còmhladh
Ealamh eòlach le na spàlan.

Anns an leabhar Òrain an Eilein a dheasaich Cairistìona Mhàrtainn (Taigh nan Teud, 2001) tha e air a ràdh gur e seann òran a th' ann a rinneadh "leis a' Mhaor Bheag à Cill Mo Luaig ged a their cuid gun deach a dhèanamh le fear à Àird an t-Srath a bha thall-thairis ach a thill gu bhith a' cogadh airson Theàrlaich." Tha na facail a-rithist beagan eadar-dhealaichte:

Sèist / Chorus

Tha mo bhreacan fliuch fon dìle,
Chan fhaod mi inns' mar tha e;
Tha mo bhreacan fliuch fon dìle.

Tha mo bhreacan gu fliuch, fuaraidh,
Cha ghabh e cur suas a-màireach.

Tha mo bhreacan air a mhilleadh
Aig na gillean air a' mheàrsadh.

Bidh mi màireach dol a sheòladh
Chan ann air m' eòlas a tha mi.

Dol do dh'eilean nan eun fiadhaich
Cha robh daoine riamh a' tàmh ann.

Thoir mo shoraidh do Ghleann Lòchaidh
Far an robh mi òg gam àrach.

Far am faighteadh gruagach bhòidheach
'G iomain bhò gu bealach àirigh.

Seinneadairean / Performers

Mairead NicGillEathain

Rugadh Mairead NicGillEathain ann am Baghasdal air Eilean Cheap Breatainn ann an 1909. B' e NicDhòmhnaill an cinneadh a bha aice mus do phòs i ...

Fiosrachadh air Mairead NicGillEathain / Learn more about Mairead NicGillEathain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.