Tha Mi Sgith 'n Fhògairt Seo

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacRath (Iain mac Mhurchaidh) agus air a sheinn le: Catrìona NicGill-Eain.

This is a song written by: Iain MacRath (Iain mac Mhurchaidh) and sung by: Catrìona NicGill-Eain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Tha mi sgìth 'n fhògairt seo.
Tha mi sgìth dhe 'n t-srìth.
Seo an tìm dhòrainneach.
Tha mi sgìth 'n fhògairt seo.

Ged a tha mi fon choille,
chan eil coire ri chòmhdach orm.

Ach mi sheasamh gu dìleas,
leis an rìgh bho 'n bha chòir aige.

Thoir mo shoraidh thar linne,
dh' ionnsaidh ghlinne am bu chòir dhomh bhi.

Thoir mo shoraidh le dùrachd,
gu Sgùrr Ùrain 's math m' eòlas ann.

'S a' bheinn ghorm a tha mu choinneamh,
leam bu shoillear a neòineanan.

Thoir mo shoraidh le coibhneas,
gu Tòrr Loighsich nan smeòraichean.

Suas is sìos troimh Ghleann Seile,
's tric a leag mi 'n damh cròic-cheannach.

Gabh an t-sèist às dèidh gach sreath.

Seinneadairean / Performers

Catrìona NicGill-Eain

Rugadh Catrìona NicGill-Eain ann an 1951 ann an Inbhir Nis, ged a bha an teaghlach a' fuireach ann an Dùn Èideann aig an àm. Chuir ...

Fiosrachadh air Catrìona NicGill-Eain / Learn more about Catrìona NicGill-Eain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.