Tha Mi Sgìth de Luchd na Beurla

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: alyth nicCharmaig agus the bridge.

This is a song written by: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) and sung by: alyth nicCharmaig agus the bridge.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'N uair thig latha mòr a' chùnntais,
'S a thèid gach cogais a dhùsgadh,
Bidh iomadh h-aon is crith nan glùinean,
Reic an crùn le fianais bhrèige.

Sèist / Chorus

Cha do chreid iad air mhodh slàinteil,
Gun robh ac' anamannan neo-bhàsmhor,
Dh'fheumas seasamh anns a ghabhadh,
An là a nì E 'n àird a sheudan.

Tha mi sgìth de luchd na Beurla;
Tha mi sgìth dhiubh cheart da-rìribh;
'S ann leam fhìn gur fhada n' cèilidh;
Tha mi sgìth de luchd na Beurla.

Neach a shàraicheas an truaghan,
'S, a bhantrach, nach gabh e truas dith,
Thig an là an cluinn an cluas,
A bhinne chruaidh a thèid orr' éigheach.

Tha ar dùthaich ar a truailleadh,
Leis a' ghràisg tha tighinn mu thuath oirnn;
Chan eil creutair bochd a ghluaiseas,
Nach tèid a chuaradh 's a reubadh.

Far an robh mòran de dhaoine,
'S ann a tha e 'n diugh fo chaoirich,
Cìobair am mullach gach maoile,
Coin san aonach 's iad ag éigheach.

Tha cuid dha nach aithne 'n àite,
Ghabhas orra dhol ga chàineadh,
Tha iad coltach ri Balàam -
Thug an t-asal aithn' dha eucoir.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.