Tha Mi Seo 's na h-Innseachan

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais) agus air a sheinn le: iain macAmhlaigh.

This is a song written by: Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais) and sung by: iain macAmhlaigh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha mi an seo sna h-Innseachan
Air bàta gun bhiadh gun dòigh,
'S an teas a' toirt an neart bhuam
'S gam fhàgail-sa gun treòir;
Nuair thig an oidhche cha chaidil mi,
Bidh ainmhidheachd 's droch dhòigh,
'S mòr gum b' fheàrr bhith 'n uair sin
Am Mealbost ghorm an fheòir.

'S mairg air oidhche gheamhraidh
Bhith ri seòladh bhàrr nan tonn;
'N fhairge throm ga bualadh
'S gam fhàgail-sa gun sunnd;
Fear nam bann toirt òrdugh dhuinn
Le mòr-chuis mhòr na chainnt,
'S gur aognaidh fuar bhith fuasgladh,
'S a' ceangal suas san oidhche.

Nuair thèid mi chun na cuibhle
Tron oidhche air drochaid àrd,
'S nach fhaicear leam a' chombaist
Ach gann le smùid an t-sàil,
Gur tric a bhios mi smuaineachadh
An aon don tug mi gràdh,
Is truagh nach robh mi còmhla rithe
A' dìreadh bhon tràigh bhàn.

Nach sona dhan an òigridh
Tha 'n dùthaich m' eòlais tàmh,
'S a ghlanas suas le sòlas
'S thèid gu dòigheil ghabhail sràid;
Chan ionnan sin 's an seòladair
Tha na bhòtannan gun tàmh,
'S a laigheas suas air cluasaig
A bhios fuaraidh aig an t-sàl.

Mo chomhairle do gach seòladair
Tha seòladh air a' chuan,
Iad mac na braich a sheachnadh
Oir is fear e tha gun truas;
Nach iomadh fleasgach tapaidh
Air na rinn a bhlas toirt buaidh,
Tha 'n-diugh mar chaor' air seacharan
'S nach till don dachaigh cuairt.

Ged as truagh an tràth seo
Bhith sna tìrean fada thall
Gun aon neach a bheir aoigheachd dhomh
No labhras rium mo chainnt,
Ach mus e 's gun dàn do Ghleann na Pàirc
Gun till i sàbhalte leinn,
Nì aoigheachd bhlàth an gnùis na pàist'
Gach àmhghar chur air chall.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.