Tha Mi Fo Smuairean air Moch Diluain

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain (Na h-Urbhaig) agus air a sheinn le: Fionnlagh MacNèill agus Tormod MacIllEathain.

This is a song written by: Iain MacIllEathain (Na h-Urbhaig) and sung by: Fionnlagh MacNèill and Tormod MacIllEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha mi fo smuairean air moch Diluain
A' fàgail Chluaidh, 's a' cur suas nan seòl;
Gur h-ann mun ghruagaich a rinn mo bhuaireadh,
'S dh'fhàg m' inntinn luaineach le cainnt a beòil;
Do ghaol gam shàrach' 's a rinn mo chràdh-lot,
Mar roinnean stàilinn an sàs am fheòil;
Gach là is oidhche tha thu nam chuimhne
Mo reul-iùil is mo chliù 's mo cheòl.

Dimàirt nuair fhuair sinn air fars'neachd cuaine,
Le 'r eathair uallaich bu chruaidhe bòrd,
Bu trom an iarmailt gu frasach, sgiathach,
Is coltas sgiansgarrach air na neòil;
Bha thusa 'n uair sin ad chadal suaimhneach
Gun chuimhne, luaidh, gum bheil mi gun dòigh;
'S fear eil air uairean a' dèanamh suas riut,
Airson an tuaileis a thog iad oirnn.

Is iomadh iongnadh a th' anns an t-saoghal;
'S e h-aon diubh, ghaoil, chuir nach robh mi d' chòir;
'S e ruith nam inntinn gum faic mi d' ìomhaigh,
Ged b' ann a' dìreadh a riofadh sheòl.
Fhuair thu buaidh orm le da-rìreadh;
Mo chridh' gun lìon thu gu tinn le bròn,
'S ma thug iad thaobh thu, cha bhuan mo shaoghal,
'S fear eile faotainn le aoigh ort còir.

Nam bu bhàrd mi gu dèanamh dhàna,
Gun cuirinn àird air do chliù ro-mhòr;
O d' cheann gu d' shàiltean gun mheang gun fhàillinn,
Gur fallain dh'fhàs thu a-nìos o d' òig:
Gur deirg' do ghruaidhean na ròs nam bruachan
Fo dhuilleach uaine nan cluan 's nan còs:
Tha fiamh do ghàire cur saighdean gràidh ann
Am chridh' gach là on a thog sinn seòl.

'S e fiamhachd d' aodainn rinn mise aomadh,
'S a thug a thaobh mi le gaol bha mòr;
Gur maiseach fìnealt, gur fallain dìreach
Tha pears' na rìbhinn air bheil mi 'n tòir;
Tha fiamh do chuailein 's e sìos mud ghuaillean
A' snìomh na dhuailean, air tuar an òir,
Beul cuimir guamach nam bilean snuadhmhor
Fo shùilean luaineach na maighdinn òig.

On fhuair mi d' eòlas bu mhòr mo dhòchas
Gum faighinn còir ort bu mhò' na càch;
'S ann air Didòmhnaich 's tu measg nan òighean
A fhuair mi 'n leòn tha toirt bròin dhomh 'n-dràst':
Bha saighdean luaineach o m' chridhe gluasad,
A rinn mo bhuaireadh, a luaidh, gu gràdh;
'S mas fear ùr leis an d' rinn thu lùbadh,
'S e siud a dh'ùraich dhomh 'n-diugh mo chàs.

'S iomadh buaireas a bhios a' gluasad,
Am measg an t-sluaigh nuair a bhios iad òg;
'S e sin a chruadhaich do chridhe bhuam-sa
On ghabh mi chuairt seo do Mhontreal;
Gur ceart a tha thu ma rinn thu m' fhàgail,
'S nach leig do nàdar leat tighinn nam chòir,
'S fear eil' am àite toirt geallaidh làidir,
'S e cur fàilt' ort le fàinne pòst'.

Air mheadhan oidhche ged b' ann ga stiùireadh
Gur tric mi cuimhneachadh air do dhòigh;
Mo shùil sa chombaist ga cumail dìreach,
'S an fhairge mhillteach a-nìos fo sròin;
A sgiathan sgaoilte ri cruas na gaoithe,
'S i feadach caonnagach ris gach ròp;
Is gillean aotrom cur rithe h-aodach,
'S a' sneachd' na chaoran mu chaol nan dòrn.

Ach bha do ghaol dhomh gu pailt ri fhaotainn,
Ged 's mòr an caochladh a thàinig oirnn;
Is iomadh gamhlas a bh' anns an àm rinn,
Airson gun d' gheall mi gum bitheamaid pòst';
Chreid thu 'n tuaileas a rinn iad suas dhut
A chum gum buaireadh iad thu le sgleò,
'S ma rinn thu m' fhàgail, mo chreach 's mo chàradh,
'S mo shoraidh slàn leat, a ghràidh, rid bheò.

'S a Mhàiri bhòidheach, gur trom mo chòmhradh
On latha dh'fhògair iad uam do ghaol;
An comann blàth bha gu coibhneil, càirdeil
Le mì-rùn chàich gun deach e ma sgaoil;
Na gillean òga a thog an sgleò seo
Cha dèan e stòr dhaibh cho mòr 's a shaoil,
Cha chuir e sìos mi 's cha toir e mì-chliù
Air aon den linn a thig air mo thaobh.

Ma thug thu cùl rium gur beag mo chùram
Gur h-iomadh flùr a tha fàs fon ghrèin,
Is maighdeann bhòidheach a th' ann de d' sheòrsa
Is aithne dhomh-sa thig air mo rèir.
Gun stiùirinn bàta nan sgiathan pràise,
Anns na croinn àrda gun dèanainn feum;
'S bheir Rìgh nan gràsan sinn dhachaigh sàbhailt'
Thar tuinn an t-sàile gu cala rèidh.

Seinneadairean / Performers

Tormod MacIllEathain

Tormod MacIllEathain

Rugadh Tormod MacIllEathain ann an Glaschu ann an 1936. 'S e docair a bha na athair Niall Mòr, mac Eòghainn Ruaidh, a bhuineadh do Thiriodh. ...

Fiosrachadh air Tormod MacIllEathain / Learn more about Tormod MacIllEathain
Fionnlagh MacNèill

Fionnlagh MacNèill

'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...

Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.