Tha M' Eudail is M' Aighear 's Mo Ghràdh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Cairistìona Primrose, Iseabail NicAsgaill agus Mairead Hulse.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Cairistìona Primrose, Iseabail NicAsgaill and Mairead Hulse.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha m' eudail is m' aighear 's mo ghràdh
Ag iomain a ghnàth nam bò,
Chan iarrainn a dh'iocshlàint no shlàint'
Ach faighinn, a ghràidh, ort còir.
Cha bhi mise tuilleadh ach tinn
Gu faigh mi ort snaim nach sgaoil
Le aont' a' bhodaich bha thall
Na shuidh' ann an gleann an fhraoich.

Oir chunnaic mi mais' annad fhèin
Nach fhaca mi 'n tè tha beò,
Chan fhaca mi gin air an fhèill
A ghabhainn romhad fhèin 's tu beò.
'S tu fhèin a bha labhairt le ciall
'S a' labhairt le briathran sìth,
'S ro aon de do chàirdean gu lèir,
Gun ghoid thu dhut fhèin mo chridh'.

Cha dùisgear leam ealaidh air àill
Cha chuirear leam dàn air dòigh
Cha togar leam fonn air clàr
Cha chluinnear leam gàir' nan òg
Cha dìrich mi bealach nan àrd
Le suigeart mar bha mi 'n tòs
Ach triallam a chadal gu bràth
Do thalla nam bàrd nach beò.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha a' chiad dà cheathramh den òran rin lorg anns an leabhar Amhrain Anna Sheumais, cruinneachadh de shia thar fhichead òran a chuir Anna NicCoinnich às an Àrd, an Rubha, Leòdhas an clò ann an 1973. Chan eil Anna ag ràdh ach gun d' fhuair i fhèin an t-òran bho Chairistìona Chaimbeul, Cairistìona Mhic Eòin.

Thug Anna iomadh bliadhna a' teagasg ann an sgoiltean anns na Hearadh agus an Uibhist a Deas agus ann an Sgoil MhicNeacail ann a' Steòrnabhagh.

Tha an ceathramh mu dheireadh a' tighinn à 'Òran Eile air an Adhbhar Cheudna' aig Uilleam Ros.

Seinneadairean / Performers

Iseabail NicAsgaill

Iseabail NicAsgaill

'S ann às an Rubha, Leòdhas, a tha Iseabail NicAsgaill ged a tha i an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Nis. Tha i pòsta aig ...

Fiosrachadh air Iseabail NicAsgaill / Learn more about Iseabail NicAsgaill
Mairead Hulse

Mairead Hulse

Rugadh Mairead Hulse air an t-siathamh làtha den Damhair, 1934, ann an Stèornabhagh. 'S ann à Tolastadh bho Thuath a bha a màthair, Mairead Iain ...

Fiosrachadh air Mairead Hulse / Learn more about Mairead Hulse
Cairistìona Primrose

Cairistìona Primrose

Rugadh agus thogadh Cairistìona Primrose ann an Càrlabhagh air taobh siar Eilean Leòdhais tràth as na 50an. 'S ann às Càrlabhagh a bha a pàrantan, ...

Fiosrachadh air Cairistìona Primrose / Learn more about Cairistìona Primrose

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.